An Geamhradh
- Do theirig an samhradh,
- 'S tha 'n geamhradh teachd dlùth oirnn,
- Fìor nàmhaid na chinneas,
- Teachd a mhilleadh ar dùthcha,
- Ga saltairt fo chasaibh
- 'S da maise ga rùsgadh
- Gun iochd ann ri dadam
- Ach a' sladadh 's a' plunndrainn.
- Sgaoil oirnne a sgiathan,
- 'S chuir e ghrian air a chùlaibh,
- Às an nead thug e 'n t-àlach,
- Neo-bhàidheil gar sgiùrsadh;
- Sneachd iteagach glè-gheal
- O na speuraibh teachd dlùth oirnn,
- Clacha-meallain 's gaoth thuathach,
- Mar luaidhe 's mar fhùdar.
- Nuair shèideas e anail,
- Chan fhàg anam am flùran;
- Tha bhilean mar shiosar,
- Lomadh lios de gach ùr-ròs:
- Cha bhi sgeadach' air coille
- No doire nach rùisg e,
- No sruthan nach tachd e
- Fo leacannan dùbh-ghorm.
- Fead reòthta a chleibhe
- Tha seideadh na doininn,
- A chuir beirm anns an fhairge
- 'S a dh'at garbh i na tonnan:
- 'S a bhinntich an clàmhainn
- Air àìrde gach monaidh,
- 'S ghlan sgùr e na reultan
- Dar pèile len solas.
- Tha gach beathach is duine
- Nach d' ullaich na sheusan
- Gan sgiùrsadh le gailleann,
- Gun talla, gun eudach;
- 'S an dream a bha gnìomhach
- Fas iargalt', mi-dhèirceil,
- Nach toir iasad do leisgean
- Anns an t-sneachda ged èug e.
- Tha 'n seillean 's an seangan,
- A bha tional an stòrais
- Le gliocas gun mhearachd,
- A' toirt aire don dòrainn,
- 'G ithe bìdh 's ag òl meala,
- Gun ghainne air lòn ac',
- Fo dhìon anns an talamh
- O anail an reòthta.
- Tha na cuileagan ciatach
- Bha dìomhain san t-samhradh,
- Sna gathannaibh grèine
- Gu h-èibhinn a' dannsa,
- Gun deasach', gun chùram
- Ro Dhùbhlachd a' gheamhraidh,
- A nis a' dol bàs
- Anns gach àite le teanntachd.
- Ach èist rium, a sheann duin',
- 'S tuig an samhla tha 'm stòiridh:
- Tha 'm bàs a' teachd teann ort –
- Siud an geamhradh tha 'm òran;
- 'S ma gheibh e thu ad leisgean,
- Gun deasach' fa chòmhdhail,
- Cha dèan aithreachas crìche
- Do dhìonadh on dòrainn.
- Ach, òganaich threubhaich,
- Thoirr-s' èisteachd dom òran
- 'S leig dhìot bhith mì-chèillidh
- Ann an Cèitean na h-òige;
- Tha aois agus euslaint
- Air do dhèidh ann an tòir ort,
- 'S ma nì h-aon aca grèim ort,
- Pillidh t' èibhneas gu bròn duit.
- An aois atà 'n tòir ort,
- Bheir i leòn ort nach saoil thu:
- Air do shùilibh bheir ceathach
- Is treabhaidh i d' aodann;
- Bheir i crith-reoth' mud ghruaig
- Is neul uaine an aoig leis,
- 'S cha tig aiteamh no grian ort
- Bheir an liath-reoth' a-chaoidh dhìot.
- Bheir nas measa na siud ort,
- Fàilinn tuigs' agus reusain,
- Dìth leirsinn ad inntinn,
- Dìth cuimhn' agus gèire;
- Dìth gliocais chum gnothaich,
- Dìth mothaich ad cheudfath,
- 'S gum fàs thu mar leanabh,
- Dhìth spionnaidh is cèille.
- Fàsaidh 'n cridhe neo-aithreach,
- 'S neo-ealamh chum tionndadh:
- Aon tagradh cha drùidh air,
- 'S cha lùb e da ionnsaigh;
- Ceart mar tha 'n talamh
- 'N àm gaillinn is teanntachd,
- Ged robh mìltean dol thairis,
- Cha dèan aile sa chabhsair.
- Faic seusan na bliadhna
- 'S dèan ciall uaithe tharraing,
- 'S mas àill leat gum buain thu,
- Dèan ruathar san earrach;
- Dèan connadh san t-samhradh
- Nì sa gheamhradh do gharadh;
- 'S ma dhìobras tu 'n seusan,
- Dhuit 's èiginn bhith falamh.
- 'S mur cuir thu sìol fallain
- Ann an earrach na h-òige,
- Cho cinnteach 's am bàs duit,
- Cuiridh Sàtan droch phòr ann,
- A dh'fhàsas na dhubhailc
- 'S na luibheannan feòlmhor,
- 'S bidh do bhuain mar a chuir thu,
- Mas subhailc no dò-bheart.
- Ma bhios t' òige gun riaghladh,
- 'S t' ana miannan gun taod riu,
- Gum fàs iad cho fiadhaich
- 'S nach srian thu ri t' aois iad;
- Am meangan nach snìomh thu,
- Cha spion thu na chraoibh e –
- Mar shìneas e gheugan,
- Bidh fhreumhan a' sgaoileadh.
- Tha do bheatha neo-chinnteach
- On teinn a bheir bàs ort:
- Uime sin, bi ri dìcheall
- Do shìth dhèanamh tràthail;
- 'S e milleadh gach cùise
- Bhith gun chùram cur dàil innt' –
- 'S ionann aithreachas criche
- 'S bhith cur sìl mu Fhèill Màrtainn.
- Tha ghrian anns na speuraibh
- A' ruith rèise gach latha,
- 'S i giorrach' do shaoghail
- Gach oidhche a laigheas:
- 'S dlùth ruitheas an spàla
- Tro shnàthaibh do bheatha
- Tha fìgheadh dhut lèine
- Nì bèistean a chaitheamh.
- 'S ma ghoideas e dlùth ort,
- Gun do dhùil bhith ra thighinn,
- 'N sin fosglaidh do shùilean
- 'S chì thu chùis thar a mithich;
- Bidh do chogais gad phianadh,
- Mar sgian ann ad chridhe –
- 'S co-ionann a giùlan
- 'S laighe rùisgt' ann an sgitheach.
- Faic a' chuileag ga dìteadh
- Le siantaibh an nàdair,
- 'S on a dhìobair i 'n seusan,
- Gur h-èiginn di bàsach';
- Faic gliocas an t seangain
- Na thional cho tràthail,
- 'S dèan 'eisimpleir leanail
- Chum t' anam a shàbhal'.
An Geamhradh
Tagh earrann gus fiosrachadh fhaighinn mun bhàrdachd
