Brìgh nam Facal
Tagh na facail a th' air an comharrachadh airson mìneachadh fhaighinn
Cead Deireannach nam Beann
- Bha mi 'n dè 'm Beinn Dòbhrain
- 'S na còir cha robh mi aineolach;
- Chunna mi na gleanntan
- 'S na beanntaichean a b' aithne dhomh:
- B' e sin an sealladh èibhinn,
- Bhith 'g imeachd air na slèibhtean
- Nuair bhiodh a' ghrian ag èirigh
- 'S a bhiodh na fèidh a' langanaich.
- 'S aobhach a' ghreigh uallach
- Nuair ghluaiseadh iad gu faramach;
- 'S na h-èildean air an fhuaran,
- Bu chuannar na laoigh bhallach ann;
- Na maoislichean 's na ruadh-bhuic,
- Na coilich dhubha 's ruadha -
- 'S e 'n cèol bu bhinne chualas
- Nuair chluinnt' am fuaim sa chamhanaich.
- 'S togarrach a dh'fhalbhainn
- Gu sealgaireachd nam bealaichean,
- Dol mach a dhìreadh garbhlaich,
- 'S gum b' anmoch tighinn gu baile mi;
- An t-uisge glan 's am fàile
- Th' air mullach nam beann àrda,
- Chuidich e gu fàs mi,
- 'S e rinn domh slàint' is fallaineachd.
- Fhuair mi greis dem àrach
- Air àirighean a b' aithne dhomh,
- Ri cluiche 's mire 's mànran
- 'S bhith 'n coibhneas blàth nan caileagan;
- Bu chùis an aghaidh nàdair
- Gum maireadh sin an-dràst' ann -
- 'S e b' èiginn bhith gam fàgail
- Nuair thàinig tràth dhuinn dealachadh.
- Nis on bhuail an aois mi,
- Fhuair mi gaoid a mhaireas domh,
- Rinn milleadh air mo dheudach
- 'S mo lèirsinn air a dalladh orm;
- Chan urrainn mi bhith treubhach
- Ged a chuirinn feum air,
- 'S ged bhiodh an ruaig am dhèidh-sa,
- Cha dèan mi ceum ro chabhagach.
- Ged tha mo cheann air liathadh
- 'S mo chiabhagan air tanachadh,
- 'S tric a leig mi mial-chù
- Ri fear fiadhaich ceannardach;
- Ged bu toigh leam riamh iad,
- 'S ged fhaicinn air an t-sliabh iad,
- Cha tèid mi nis gan iarraidh,
- On chaill mi trian na h-analach.
- Ri àm dol anns a' bhùireadh
- Bu dùrachdach a leanainn iad,
- 'S bhiodh uair aig sluagh na dùthcha,
- Toirt òran ùra 's rannachd dhaibh;
- Greis eile mar ri càirdean
- Nuair bha sinn anns na campan –
- Bu chridheil anns an àm sinn,
- 'S cha bhiodh an dram oirnn annasach.
- Nuair bha mi 'n toiseach m' òige,
- 'S i ghòraich' a chùm falamh mi;
- 'S e Fortan tha cur oirnne
- Gach aon nì còir a ghealladh dhuinn;
- Ged tha mi gann a stòras,
- Tha m' inntinn làn de shòlas,
- On tha mi ann an dòchas
- Gun d' rinn nighean Deòrs' an t-aran domh.
- Bha mi 'n dè san aonach
- 'S bha smaointean mòr air m' aire-sa,
- Nach robh 'n luchd-gaoil a b' àbhaist
- Bhith siubhal fàsaich mar rium ann;
- 'S a' bheinn as beag a shaoil mi
- Gun dèanadh ise caochladh,
- On tha i nis fo chaoraibh,
- 'S ann thug an saoghal car asam.
Cead Deireannach nam Beann
Tagh na facail a th' air an comharrachadh ann an dearg airson mìneachadh fhaighinn.
