Brìgh nam Facal
Tagh na facail a th' air an comharrachadh airson mìneachadh fhaighinn
Cumha Coire a' Cheathaich
- Is duilich leam an càradh
- Th' air coire gorm an fhàsaich,
- An robh mi greis am àrach
- Sa Bhràighe seo thall;
- 'S iomadh fear a bhàrr orm
- A thaitneadh e ra nàdar,
- Nam biodh e mar a bha e
- Nuair dh'fhàg mi e nall;
- Gunnaireachd is làmhach,
- Spurt is adhbhar-ghàire
- Chleachd bhith aig na h-àrmainn
- A b' àbhaist bhith sa ghleann.
- Rinn na fir ud fhàgail,
- 'S Mac Eòghainn th' ann an-dràsta,
- Mar chlach an ionad càbaig,
- An àite na bh' ann.
- Tha 'n coir' air dol am fàilinn,
- Ged ithear thun a' bhlàir e,
- Gun duin' aig a bheil càs deth
- Mun àit' anns an àm;
- Na fèidh a bh' ann air fhàgail –
- Cha d' fhuirich gin air àrainn,
- 'S chan eil an àite-tàmha
- Mar bha e sa ghleann.
- Tha 'm baran air a shàrach',
- 'S dh'fhairtlich air an tàladh,
- Gun sgil aig' air an nàdar
- Ged thàinig e ann.
- B' fheàrr dha bhith mar b' àbhaist,
- Os cionn an t-soithich chàtha,
- 'S a làmhan a bhith làn dith,
- Ga fàsgadh gu teann.
- 'S e mùthadh air an t-saoghal
- An coire laghach gaolach
- A dhol a-nis air faondradh
- 'S am maor a theachd ann;
- 'S gur h-e bu chleachdainn riamh dha
- Bhith trusadh nan cearc biadhta –
- Gur tric a rinn iad sianail
- Le pianadh do làmh,
- Is iad nam baidnibh riabhach
- Mu t' amhaich 's ann ad sgiathan;
- Bhiodh itealaich is sgiabail
- Mu t' fhiaclan san am.
- Bu ghiobach thu ri riaghailt
- Mu chidsin taigh an Iarla,
- Gar nach b' e do mhiann
- Bhith cur bhian air an staing.
- Ged tha thu nis sa Bhràighe,
- Cha chompanach le càch thu,
- 'S a h-uile duin' a' tàir ort
- On thàinig thu ann.
- Is èiginn duit am fàgail
- Nas measa na mar thàinig;
- Cha taitinn thu rin nàdar
- Le cnàmhan 's le cainnt.
- Ged fhaiceadh tu ghreigh uallach,
- Nuair rachadh tu mun cuairt daibh,
- Cha dèan thu ach am fuadachadh
- Suas feadh nam beann,
- Leis a' ghunna nach robh buadhmhor,
- 'S a' mheirg air a toll-cluaise-
- Chan eirmis i na cruachan,
- An cuaille dubh cam.
- Tha choille bh' anns an fhrìth ud
- Na cuislean fada dìreach
- Air tuiteam is air crìonadh
- Sìos às an rùsg;
- Na prisean a bha brìoghmhor,
- Na dosaibh tiugha lìonmhor,
- Air seacadh mar gun spìont' iad
- A-nìos às an ùir;
- Na failleanan bu bhòidhche,
- Na slatan is na h-ògain,
- 'S an t-àit am biodh an smeòrach
- Gu mòdhar a' seinn ciùil,
- Tha iad uil' air caochladh,
- Cha d' fhuirich fiodh no fraoch ann,
- Tha 'm mullach bhàrr gach craoibhe,
- 'S am maor ga thoirt diubh.
- Tha Uisge Srath na Dìge
- Na shruthladh dubh gun sìoladh,
- Le barraig uaine lìth-ghlais,
- Gu mì-bhlasta grànd';
- Feur-lochain is tàchair
- An cinn an duilleag-bhàthte -
- Chan eil gnè tuilleadh fàs
- Anns an àit' ud san àm;
- Glumagan a' chàthair
- Na ghlugaibh domhainn sàmhach,
- Cho tiugh ri sùghan càtha,
- Na làthaich 's na phlam;
- Seann bhùrn salach ruadhain,
- Cha ghlaine 'ghrunnd na uachdar -
- Gur coslach ri muir ruaidh e,
- Na ruaimle feadh stang.
- Ach mas duine de shliochd Phàraig
- A thèid a nis don àite,
- 'S gun cuir e às a làraich
- An tàch'ran a th' ann,
- Bidh 'n coire mar a bha e,
- Bidh laoigh is aighean dàr' ann,
- Bidh daimh a' dol san dàmhair
- Air fàsach nam beann;
- Bidh buic sna badan blàtha,
- Na bric san abhainn làimh riu,
- 'S na fèidh air Srath na Làirge
- Ag àrach nam mang.
- Thig gach uile nì ga àbhaist,
- Le aighear is le àbhachd,
- Nuair gheibh am baranbàirlinn
- Siud fhàgail gun taing.
Cumha Coire a' Cheathaich
Tagh na facail a th' air an comharrachadh ann an dearg airson mìneachadh fhaighinn.
