Moladh Beinn Dòbhrain
- An t-urram thar gach beinn
- Aig Beinn Dòbhrain;
- De na chunnaic mi fon ghrèin,
- 'S i bu bhòidhche leam:
- Munadh fada rèidh,
- Cuilidh 'm faighte fèidh,
- Soilleireachd an t-slèibh
- Bha mi sònrachadh;
- Doireachan nan geug,
- Coill' anns am bi feur,
- 'S foinneasach an sprèidh
- Bhios a chòmhnaidh ann;
- Greadhain bu gheal cèir,
- Faghaid air an dèidh,
- 'S laghach leam an sreud
- A bha sròineiseach.
- 'S aigeannach fear eutrom
- Gun mhòrchuis
- Thèid fasanta na èideadh
- Neo-spòrsail:
- Tha mhanntal uime fèin,
- Caithtiche nach trèig,
- Bratach dhearg mar chèir
- Bhios mar chòmhdach air.
- 'S culaidh ga chur eug –
- Duine dhèanadh teuchd,
- Gunna bu mhath gleus
- An glaic òganaich;
- Spor anns am biodh beàrn,
- Tarrann air a ceann,
- Snap a bhuaileadh teann
- Ris na h-òrdaibh i;
- Ochd-shlisneach gun fheall,
- Stoc den fhiodh gun mheang,
- Lotadh an damh seang
- Is a leònadh e;
- 'S fear a bhiodh mar cheàird
- Riutha sònraichte,
- Dh'fhòghnadh dhaibh gun taing
- Le chuid seòlainean;
- Gheibhte siud ri àm,
- Pàdraig anns a' ghleann,
- Gillean is coin sheang,
- 'S e toirt òrdugh dhaibh;
- Peilearan nan deann,
- Teine gan cur ann;
- Eilid nam beann àrd'
- Thèid a leònadh leo.
- SIUBHAL
- 'S i 'n eilid bheag bhinneach
- Bu ghuiniche sraonadh,
- Le cuinnean geur biorach
- A' sireadh na gaoithe:
- Gasganach, speireach,
- Feadh chreachainn na beinne,
- Le eagal ro theine
- Cha teirinn i h-aonach;
- Ged thèid i na cabhaig,
- Cha ghearain i maothan:
- Bha sinnsireachd fallain;
- Nuair shìneadh i h-anail,
- 'S toil-inntinn leam tannasg
- Dha langan a chluinntinn,
- 'S i 'g iarraidh a leannain
- 'N àm daraidh le coibhneas.
- 'S e damh a' chinn allaidh
- Bu gheal-cheireach feaman,
- Gu cabarach ceannard,
- A b' fharamach raoiceadh;
- 'S e chòmhnaidh 'm Beinn Dòbhrain,
- 'S e eòlach ma fraoinibh.
- 'S ann am Beinn Dòbhrain,
- Bu mhòr dhomh ra innseadh
- A liuthad damh ceann-àrd
- Tha fantainn san fhrìth ud;
- Eilid chaol-eangach,
- 'S a laoighean ga leantainn,
- Len gasgana geala,
- Ri bealach a' dìreadh,
- Ri fraigh Choire Chruiteir,
- A' chuideachda phìceach.
- Nuair a shìneas i h-eangan
- 'S a thèid i na deannaibh,
- Cha saltradh air thalamh
- Ach barra nan ìnean:
- Cò b' urrainn ga leantainn
- A dh'fhearaibh na rìoghachd?
- 'S arraideach, faramach,
- Carach air grìne
- A' chòisridh nach fhanadh
- Gnè smal air an inntinn;
- Ach caochlaideach, curaideach,
- Caol-chasach, ullamh,
- An aois cha chuir truim' orra,
- Mulad no mì-ghean.
- ÙRLAR
- B' ionmhainn leam, ag èirigh
- San òg mhadainn,
- Timcheall air na slèibhtean
- 'M bu chòir dhaibh bhith,
- Cupall chunntas cheud
- Luchd nan ceann gun chèill,
- Mosgladh gu neo-bheudar
- Mòr-shòlasach
- Is osgarra om beul
- Torman socair rèidh,
- 'S glan an corp 's an crè
- Seinn an dreòcaim ud.
- Broc liath-chorrach èild'
- An lod ga loireadh thèid,
- Cuid dha h-arraid fhèin
- Nuair bu deònach leath'.
- 'S annsa leam nuair thèid
- Iad air chrònanaich
- Na na th' ann an Èirinn
- De cheòlmhorachd:
- 'S binne na gach beus
- Anail mhic an fhèidh
- A' langanaich air eudann
- Beinn Dòbhrain;
- An damh le bhùireadh fèin
- Tighinn à grunnd a chlèibh –
- 'S fada chluinnt' a bheuc
- An àm tòiseachadh.
- Tha 'n eilid anns an fhrìth
- Mar bu chòir dhi bhith,
- Far am faigh i mìlteach
- Glan-feòirneanach;
- Bruchorachd is cìob,
- Lusan am bi brìgh,
- Chuireadh sult is ìth
- Air a lòineanaibh;
- Fuaran anns am bi
- Biolaire gun dìth
- 'S mìlse leath' na 'm fìon,
- 'S e gun òladh i.
- Cuiseagan is riasg,
- Chinneas air an t-sliabh,
- B' annsa leath' mar bhiadh
- Na na fòlaichean.
- B' e sin an caidreabh grinn
- Mu thràth nòine,
- Nuair a thionaladh iad cruinn
- Anns a' ghlòmainn:
- Air fhad 's gum biodh an oidhch',
- Dad cha tigeadh ribh,
- Fasgadh bhun an tuim
- B' àite còmhnaidh dhuibh.
- Leapaichean nam fiadh,
- Far an robh iad riamh,
- An aonach farsaing fial
- 'S ann am mòr-mhonadh.
- 'S iad bu taitneach fiamh
- Nuair bu datht' am bian,
- 'S cha b' i 'n airc am miann
- Ach Beinn Dòbhrain.
- SIUBHAL
- A' bheinn luiseanach fhailleanach
- Mheallanach lìontach,
- Gun choimeas dha fallaing
- Air thalamh na Crìosdachd.
- ÙRLAR
- Am monadh farsaing faoin
- Glacach srònagach,
- Lag a' Choire Fhraoich
- Cuid bu bhòidhche dheth.
- Sin am fearann caoin
- Air an d' fhàs an aoibh,
- Far am bi na laoigh
- 'S na daimh chròcach;
- 'S e deisearach ri grèin,
- Seasgaireachd dha rèir,
- 'S neo-bheag air an èildeig
- Bhith chòmhnaidh ann;
- Leannan an fhir lèith
- As faramaiche ceum,
- Nach iarradh a' chlèir
- A thoirt pòsaidh dhaibh;
- 'S glan fallan a crè,
- Is banail i na beus,
- Cha robh h-anail breun
- Ge b' e phògadh i.
- AN CRÙNLUDH
- Tha 'n eilid anns a' ghleannan seo,
- 'S chan amadan gun eòlas
- A leanadh i mur b' aithne dha
- Tighinn farasta na còmhdhail:
- Gu faiteach bhith na h-earalas,
- Tighinn am faigse dhi mun caraich i,
- Gu faicilleach, glè earraigeach,
- Mum fairich i ga còir e;
- Feadh shloc is ghlac is chamhanan,
- Is chlach a dhèanadh falach air,
- Bhith beachdail air an talamh
- 'S air a' char a thig na neòil air;
- 'S an t-astar bhith ga tharraing air
- Cho macanta 's a b' aithne dha,
- Gun glacadh e dha h-aindeoin i
- Le h-anabharra seòltachd.
Moladh Beinn Dòbhrain
Tagh earrann gus fiosrachadh fhaighinn mun bhàrdachd
