Brìgh nam Facal
Tagh na facail a th' air an comharrachadh airson mìneachadh fhaighinn
An t-Sean-Bhean
- Choisich thu crotach
- le do bhata
- sìos ris a' ghàrradh;
- stad thu 's thog
- thu cudthrom do chrom-chinn
- chuir thu do bhois
- eadar do shùilean 's a' ghrian.
- Às an dubhar sin
- dh'amhairc thu air an àiteach,
- air an t-sreath a bha an crann a' cur thairis,
- air crìochan nan lota,
- 's air an t-sliabh
- ('s thug thu sùil mas robh bhò ann an geimhil).
- Is thionntaidh thu an uair sin
- do chasan
- gun gaoth a' dol eadar iad 's an talamh,
- is thill thu rag iad
- a-steach
- (le do bhata
- 's do làmh anns a' bhalla)
- don aitreabh
- far an robh am maide-buinn air fàs na
- arrasbacan.
- Is shuidh thu an sin air do chathair.
An t-Sean-Bhean
Tagh na facail a th' air an comharrachadh ann an dearg airson mìneachadh fhaighinn.
