Brìgh nam Facal
Tagh na facail a th' air an comharrachadh airson mìneachadh fhaighinn
Latha Fèille
- Thig iad a-nuas às na cnuic
- Dimàirt 's Dihaoine
- tuathanach air asal
- 's triùir nighean
- crùibte
- fo chliabh is iaismac.
- Bidh luchd a' bhaile
- ris an cùm iad connadh is measan
- a' sìor-fhanaid air am fasan -
- 's iad air an casan
- rùisgte.
- 'S thig feadhainn a-nuas à Ankara
- a chaitheamh làithean saora
- a chuireas air luchd a' bhaile
- g' eil iad salach, sean-fhasanta,
- slaodach.
- Tha mis' ann
- air m' àireamh am measg choigreach
- a nì tàire
- choitcheann
- air sluagh na tìre...
- agus ormsa cuideachd
- bhon a chì mi
- le mo shùilean coimheach
- seanchas
- a dh'iathas saoghal mo chompanach
- a dh'fhilleas na rian
- ban-rìgh Shasainn,
- agus Ankara,
- 's am baile, daighneach
- a sheas cha mhòr cho fada ris na cnuic;
- bhon a chì mi
- air na sràidean an teas an latha
- lorgan san duslaich;
- danns' ceum-ghrinn
- aig casan loma;
Latha Fèille
Tagh na facail a th' air an comharrachadh ann an dearg airson mìneachadh fhaighinn.
