Sgrùdadh Litreachais
Tagh earrann gus fiosrachadh fhaighinn mun bhàrdachd
Ceumannan
- Sheòl thu
- a-steach na mo rian mar reul
- ùr
- chun an speuradair -
- gealach
- a dh'fhoillsich grian air falach:
- aoibhneas fiosrachaidh;
- 's shìn mi mo làmhan chun a' gharaidh.
- Cha do shìn mi mo làmhan gus do ghlacadh;
- bha ùghdarras eile gan riaghladh,
- bha iad air lapadh
- ann an seirbheis chuairteil m' iunaibhears –
- gun de dh'earbsa na saorsa
- na sgaoileadh an car às a' char ud.
- Is chaidh an tràth seachad.
- Thachair thu an dè rium
- air sràid
- lasair shùilean is clò gorm
- 's ruith mi air mo theanga a' lorg
- facail a chanainn –
- ach bha iad gu lèir air chall;
- 's troimh eighealaich bhalbh
- mo thosd
- dh'èist mi air an t-sràid
- brag ceum an dèidh ceum do chois
- a' seòladh gorm-bhlath-
- dhall
- leat seachad; is air falbh.
- Bha an latha geal ann
- an diugh
- mus do chaidil mi;
- chaith mi an oidhche gu h-anshocair
- a' sgrùdadh reultan is ghealaichean –
- (is bheachdaich mi air faire nam bàrd!)
- O! nam b' urrainn dhomh a ràdha
- gur tusa chùm na mo chaithris mi
- – air dòigh dhe na dhà...
- ach 's ann a chaidh an cadal
- ceàrr orm
- (a leannain)
- - mas e an fhìrinn as fheàrr...
Ceumannan
Tagh earrann gus fiosrachadh fhaighinn mun bhàrdachd
