Brìgh nam Facal
Tagh na facail a th' air an comharrachadh airson mìneachadh fhaighinn
Gun Stiùir
- Uair 's am bruaillean na bu teotha,
- chaidh mi iomrall anns a' cheothaidh,
- m' uilebheistean ag èirigh na mo choinneamh,
- a' dannsa mun cuairt an dannsa cathaich.
- Ged a dh'fheuch mi sabaid riutha,
- cha d' rinn mi 'n gnothach 'm mùchadh buileach.
- Dhùisg mi às a' mhearain-chadail
- 's mi air mo chlaoidh 's mi grìseach prabach,
- gun chreud, gun bhàt' a stiùirinn romham,
- gun bhrèid ri chrathadh air a' mhunadh.
- Thionndaidh mi a-bhos is tharam –
- cha d' fhuair mi Dia no fiù 's Dia coimheach.
- Ochoin, a Rìgh, 'n e sabaid fhalamh
- a bhith sgrìobadh na fìrinn às an talamh?
Gun Stiùir
Tagh na facail a th' air an comharrachadh ann an dearg airson mìneachadh fhaighinn.
