Brìgh nam Facal
Tagh na facail a th' air an comharrachadh airson mìneachadh fhaighinn
Urnaigh na Ban-Tigrich
- Athair 's mo Dhia, dèan thus' ar dìon,
- mi fhìn 's mo naoidhean beagan mhìos;
- gur gann an t-uisg' 's gur gann an sìol –
- sinn acrach, creuchdach, brùite, piant'.
- Adhlaicte an-diugh mo luaidh,
- 's nach aithnich mise uaigh seach uaigh:
- measg mhìltean 'n Tigre tha e na shuain –
- coimhead thusa, Thighearna, oirnn le truas.
- Sinn fannachadh le teas na grèin
- nuair dh'èireas i an àird san speur;
- sinn ga ar mealachadh le fuachd
- meadhan-oidhch', 's ar sgeadachadh cho truagh.
- An tig, a Thighearna, uisge trom
- a bheir a-mach toradh bhon talamh lom?
- Cùm rium mo chreideamh annad fhèin,
- na canar: 'An do thrèig thu mi, mo Dhia?'
- Cheus riaghaltas eile Crìosd air crann,
- 's tha luchd-brèig gar biathadh 's sinn gu gann.
- Dòirt nuas do mhathas caomh, a Dhè –
- na leig le olc buannachadh gu lèir.
Urnaigh na Ban-Tigrich
Tagh na facail a th' air an comharrachadh ann an dearg airson mìneachadh fhaighinn.
