20mh linn / Anna Frater

Bàrdachd - Luchag

Dàn 3

Uaireannan, nuair a bheireas cat air luch, cha mharbh e idir an toiseach i ach cluichidh e leatha greis, ga leigeil às agus a' breith oirre a-rithist.


Tha a' bhana-bhàrd a' coltachadh an duine mu bheil a' bhàrdachd ri cat agus i fhèin ri luchag leis a bheil e a' cluiche. Tha i ag ràdh nach eil an duine seo ga h-iarraidh, a rèir choltais, ach cha leig e às i nas mò.


Tha an dòigh anns a bheil Frater a' cleachdadh ìomhaigh a' chait ag innse tòrr dhuinn mun duine agus mun t-suidheachadh. An toiseach, mar eisimpleir, tha i ag ràdh nach e leòghann no tìgear, beathaichean uasal, a tha ann ach 'cat cumanta'. Tha i cuideachd ag ràdh nach e dìreach cat cumanta sam bith a th' ann ach 'cat cumanta na bàthaich', nach eil air a leigeil a-staigh dhan taigh. Chan eil càil uasal mu dheidhinn no mun dol a-mach aige, tha i ag ràdh.


Tha ìomhaighean eile a' sealltainn cho cruaidh-chridheach agus borb 's a tha an 'cat' seo. Tha e a' tarraing na lucha air ais a-rithist agus a-rithist dìreach gus am faic i fhiaclan agus gum fairich i anail. 'S e ìomhaigh air leth eagalach a tha seo, nach e?. Tha an cumhachd a tha aige thairis air an luch a' còrdadh ris a' chat. Dè a tha sin ag ràdh mun duine?


Tha Frater a' gluasad o ìomhaigh a' chait 's na lucha aig an deireadh gu a suidheachadh fhèin. Chan eil esan gu litireil a' buntainn rithese mar a tha an cat ris an luch – chan eil e a' cur làmh oirre. Ach cha tuirt sin nach do dh'fhàg e làrach a 'spuirean' na faireachdainn.


Tha an dàn seo air a sgrìobhadh san aon dòigh ri tòrr de bhàrdachd Anna Frater. Tha an cànan sìmplidh agus còmhraiteach ach tha na faclan air an taghadh gu cùramach. Tha an rannaigheachd saor agus siùbhlach ach le ruitheim làidir fon uachdar agus tha i a' dèanamh feum sgileil de ìomhaighean.


Luchag

  • Bu chòir dhut a bhith nad chat.
  • Chan e leòmhann pròiseil neo tìgear,
  • ach cat cumanta na bàthaich
  • a' cluiche le luchag eadar do dhà spòig:
  • ga leigeil às airson tiotan
  • mus cuir thu do spuirean innt'
  • airson a slaodadh air ais
  • gus am faic i d' fhiaclan fo do shùilean buidhe,
  • 's gum fairich i d' anail:
  • 's tu a' cluiche le a beatha.

Luchag

Tagh na facail a th' air an comharrachadh ann an dearg airson mìneachadh fhaighinn.


The Adobe Flash player and Javascript are required in order to view a video which appears on this page. You may wish to download the Adobe Flash player.

Teacsa

A' bhana-bhàrd ag aithris Ceist

A' bhana-bhàrd ag aithris Ceist

Dàin Eile

Leugh dàin eile a sgrìobh Anna Frater

Air adhart gu

Beachdan

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.