Brìgh nam Facal
Tagh na facail a th' air an comharrachadh airson mìneachadh fhaighinn
Ar Cànan 's ar Clò
- Bha bodach na mo bhaile
- aig an robh beairt,
- agus leis a' bheairt
- dhèanadh e clò,
- agus chaidh aodach
- a dhèanamh den chlò,
- agus bhiodh na daoine
- a' cur orra 'n aodaich –
- aodach tiugh trom a chumadh blàth iad.
- Ach thàinig fear eile,
- fear na b' òige,
- fear nach buineadhdon bhaile,
- agus bha beairt ùr aige
- agus snàth ùr –
- dathan air an goid bhon bhogha-froise –
- agus aodach tana, lom,
- agus àlainn, ann am beachd nan daoine.
- Chùm am bodach air
- leis an t-seann bheairt
- ach bha na daoine òga
- a' fanaid air,
- agus cheannaich iad uile
- na beairtean ùra, agus thòisich iad a' dèanamh
- nan clòitean ùra,
- agus cha robh dragh aca
- mu dheidhinn a' chlò
- air beairt a' bhodaich.
- Ach an dèidh ùine
- thàinig an geamhradh
- agus cha chumadh an t-aodach lom
- le na snàithtean brèagha
- agus na dathan soilleir
- a-mach am fuachd,
- agus cha robh feum
- anns na beairtean ùra.
- Lorg iad am bodach
- agus chunnaic iad a' bheairt,
- agus chunnaic iad an clò,
- ach cha b' urrainn dhaibh
- a' bheairt obrachadh,
- oir bha i air fàs meirgeach
- agus bha am bodach marbh.
Ar Cànan 's ar Clò
Tagh na facail a th' air an comharrachadh ann an dearg airson mìneachadh fhaighinn.
