Sgrùdadh Litreachais
Tagh earrann gus fiosrachadh fhaighinn mun bhàrdachd
Màiri Iain Mhurch' Chaluim
- Mo sheanmhair, a chaill a h athair air an Iolaire, oidhche na Bliadhn' Ùir, 1919
- Tha mi nam shuidhe ag èisteachd ribh
- agus tha mo chridh' a' tuigsinn
- barrachd na mo chlaisneachd;
- 's mo shùilean a' toirt a-steach
- barrachd na mo chluasan.
- Ur guth sèimh, ur cainnt
- ag èirigh 's a' tuiteam mar thonn
- air aghaidh fhuar a' chuain
- 's an dràst' 's a-rithist a' briseadh
- air creag bhiorach cuimhne;
- 's an sàl a' tighinn gu bàrr
- ann an glas-chuan ur sùilean.
- "Bha e air an ròp
- an uair a bhrìs e..."
- Agus bhris ur cridhe cuideachd
- le call an ròpa chalma
- air an robh grèim gràidheil agaibh
- fhad 's a bha sibh a' sreap suas
- nur leanabh.
- Agus, aig aois deich bliadhna,
- cha robh agaibh ach cuimhne air a' chreig
- a bhiodh gur cumail còmhnard;
- 's gach dòchas a bha nur sùilean
- air a bhàthadh tron oidhch' ud,
- 's tro gach bliadhn' ùr a lean.
- Chàirich iad a' chreag
- agus dh'fhàg sin toll.
- Chruadhaich an sàl ur beatha
- agus chùm e am pian ùr;
- agus dh'fhuirich e nur sùilean
- cho goirt 's a bha e riamh;
- agus tha pian na caillich
- cho geur ri pian na nighinn,
- agus tha ur cridhe
- a' briseadh às ùr
- a' cuimhneachadh ur h-athar.
- "... oir bha athair agam ..."
Màiri Iain Mhurch' Chaluim
Tagh earrann gus fiosrachadh fhaighinn mun bhàrdachd



