Brìgh nam Facal
Tagh na facail a th' air an comharrachadh airson mìneachadh fhaighinn
Moladh Mòraig
- 'S truagh gun mi sa choill
- Nuair bha Mòrag ann:
- Thilgeamaid na croinn
- Cò bu bhòidhch' againn:
- Inghean a' chùil duinn
- Air a bheil an loinn -
- Bhiomaid air ar broinn
- Feadh nan ròsanan;
- Bhreugamaid sinn fhìn
- Mireag air ar blìon,
- A' buain shòbhrach mìn-bhuidh'
- Nan còsagan;
- Theannamaid ri strì
- 'S thadhlamaid san fhrìth,
- 'S chailleamaid sinn fhìn
- Feadh nan srònagan.
- On thàinig gnè de thùr
- Om aois òige dhomh,
- Nìor facas creutair dhiubh
- Bu cho-glòrmhoire;
- Bha Maili, 's dearbha, caoin
- 'S a gruaidh air dhreach nan caor,
- Ach caochlaidheach mar ghaoith
- 'S i ro òranach;
- Bha Peigi fad' an aois –
- Mur bhith sin, b' i mo ghaol;
- Bha Marsaili fìor aotrom,
- Làn neònachais;
- Bha Lili a' taitne rium
- Mur bhith a ruisg bhith fionn;
- Ach cha bu shàth bùrn-ionnlaid
- Don Mhòraig s' iad.
- O, 's coma leam, 's coma leam
- Uil' iad ach Mòrag:
- Rìoghainn dheas chulach
- Gun uireasaibh fòghlaim.
- Chan fhaighear a tiunnail
- Air mhaise no bhunailt,
- No 'm beusaibh neo-chumant',
- Am Muile no 'n Leòdhas:
- Gu geanmnaidh, deas, furanach,
- Duineil, gun mhòrchùis,
- Air thagha na cumachd
- O mullach gu brògaibh;
- A neul tha neo-churaidh
- 'S a h-aigne ro lurach,
- Gu brìodalach, cuireideach,
- Urramach, seòlta.
- Thogamaid ar fonn
- Anns an òg-mhadainn,
- 'S Phèbus dath nan tonn
- Air fiamh òrainsein;,
- Far cèill cha bhiodh conn
- Air sgàth dhoire 's thom,
- Sinn air dàireadh trom
- Ler cuid gòraileis,
- Dìreach mar gum bìodh
- Maoiseach 's boc à frìth,
- Crom-ruaig a chèile dian
- Timcheall òganan;
- Chailleamaid ar clì
- A' gàireachdaich leinn fhìn
- Le bras-mhacnas dian sin
- Na h-ògalachd.
- Mo cheann tha làn de sheilleinibh
- O dheilich mi rid bhrìodal,
- Mo shròn tha stopt' a dh'eileabor,
- Na deil le teine dìombais;
- Mo shùilean tha cho deireasach
- Nach faic mi gnè gun teileasgop,
- 'S ged bhiodh meudachd beinneadh ann,
- 'S ann theirinn gura frìd e.
- Dh'fhalbh mo cheudfadh corporra
- Gu dochaireach le bruadar,
- Nuair shaoil mi fortan thorchairt domh
- 'S mi 'm thorraichim air mo chluasaig;
- Air dùsgadh às a' chaithreim sin,
- Cha d' fhuair mi ach ion-faileis deth
- An ionad na maoin bearraidich
- A mheal mi gu seachd uairean.
Moladh Mòraig
Tagh na facail a th' air an comharrachadh ann an dearg airson mìneachadh fhaighinn.
