Beachd air a' bhàrdachd
Tha Moladh Mòraig gu math cliùiteach, tha mi smaoineachadh, agus tha cuid de dhaoine ga làimhseachadh ann an dòigh caran sìmplidh, mar a bha Iain MacCoinnich ann an Sàr Obair a thug dhuinn an stòiridh gun e cùis taobh a-muigh a' phòsaidh a bha seo, agus gun tug Sìne a' bhean air freagairt a sgrìobhadh, Mì-mholadh Mòraig. Tha sin gu math, math sìmplidh, tha e leanabail, tha mi smaoineachadh, a bhith coimhead air mar sin.
Tha e ag innse dhuinn fhèin aig toiseach an òrain nach robh e ann, 's nach do thachair seo. Tha e 'g ràdh, ''S truagh nach robh mi sa choill nuair bha Mòrag ann,' 's tha e 'g innse dhuinn an uair sin dè thachradh, dè dhèanadh e, 's ga dhèanamh gu math soilleir nach do thachair, 's nach do rinn, ach 's e seo na tha e a' faicinn.
Tha e dèanamh soilleir a-rithist aig deireadh an dàin, 's e dàn gu math fada a th' ann, trì cheud loidhne. Tha e dèanamh soilleir a-rithist gun e bruadar a bh' ann. Agus ann an seagh, dh'fhaodar a ràdh gun e 'fantasy', tha e dùsgadh, agus ri taobh a bhean agus, uill, tha na thachras a' leantainn. Agus, air a thogadh le aighear 's le sunnd agus le mac-meanmna. 'S dòcha gu faodar a ràdh gun e 'fantasy' a th' ann, gun e seòrsa de 'role-play' a th' ann eadar fear is bean.
Mì-mholadh Mòraig, chan eil e cho furasta do dhaoine an làmh a chuir air Mì-mholadh Mòraig. Feumaidh tu dhol gu na seann leabhraichean son lorg fhaighinn air. Agus, saoilidh mi fhìn gu bheil e mar a bha Òran a' Gheamhraidh agus Òran an t-Samhraidh, gu bheil e coimhead air dà thaobh na gealaich, soilleir agus doilleir, agus 's toigh leis a bhith dèanamh sin, còmhla tha iad a' dèanamh rudeigin slàn, tha iad gu math coileanta còmhla.
Ged a tha cainnt a tha air leth, salach, dh'fhaodadh tu ràdh, ann am Mì-mholadh Mòraig, chan eil Moladh Mòraig salach. Tha e aig amannan gu math 'erotic', chan eil e salach. Tha e gu math ealanta, dèanamh iomradh air litreachas clasaigeach: 'Tha Phèbus air dath nan tonn' agus tha Dido a' nochdadh, 's mar sin air adhart, 's tha sin a' tighinn 's dòcha bho bhàrdachd mar a bha James Thomson agus na seusain aige. Tha e gu math suas ris an latha, 'modernist', anns an t-seagh sin.
Agus cuideachd, tha an ruitheam ag atharrachadh, tha e ann an cruth ceòl mòr, 's tha sin gu math àraid gun dèanadh tu bàrdachd ann an cruth a' chiùil àraid sin, ceòl mòr na pìoba – tha e cho sònraichte, 's tha, tha e stàdail aig amannan 's gu math bras is luath aig amannan eile. Agus tha e cleachdadh na diofar fhaireachdainnean ann an gluasad a' chiùil airson diofar phàirtean dhen an iomairt seo, dhen a' mhac-meanmna seo, a chuir an cèill ann am faclan, ann an dòigh, a tha gu math beothail agus iomchaidh, saoilidh mi.