Skip to main contentAccess keys help

[an error occurred while processing this directive]
BBC News
watch One-Minute World News
News image
Last Updated: Wednesday, 20 June 2007, 13:55 GMT 14:55 UK
Opara mu eachdraidh Hiort
Te�rlach Quinnell
BBC G�idhlig

Retouramont
Na 'dannsairean d�reach' Fraingeach, Retouramont, ann an Hiort

Th�id eachdraidh Hiort a thaisbeanadh mar opara ann an sia �iteachan air feadh na Roinn E�rpa.

Chosg a' phroiseact gus Hiort - Opara E�rpach �1.5m a chuir air d�igh, agus th�id a thaisbeanadh ann an Innse Gall, san Fhraing, sa Bheilg, sa Ghearmailt agus san Ostar Dihaoine is Disathairne.

Th�id �omhaighean a chraoladh do na h-�iteachan air saideal r� nan taisbeanaidhean.

Dh'fhalbh buidheann a Hiort - 41 m�le an Iar air Beinn nam Faodhla - air b�ta aig toiseach na seachdain, airson a bhith cinnteach gun leigeadh an aimsir leotha an t-eilean a ruigsinn ron deireadh sheachdain seo.

Th�id an opara a chraoladh be� air-loidhne air BBC Alba eadar 2020 agus 2145 BST Dihaoine.

Thuirt co-�rd-riochdaire agus co-sti�iriche cruthachail a' phr�iseict Calum Mac Gill-�ain gun deach na cosgaisean a ch�ineadh.

Ach, thuirt e gur ann bhon Roinn E�rpa a th�inig 80% dheth, agus tha e a' creidsinn gu bheil sin na dhearbhadh air cho cudromach 's a tha an opara seo a r�ir a' Choimisein E�rpaich.

MUINNTIR AN OPARA
'S ann air smuain Lew Bogdan, sti�iriche Le Ph�nix ann am Valenciennes san Fhraing, a chaidh a st�idheachadh.
Tha Proiseact Nan Ealan air sti�ir a' phr�iseict
Chaidh a sgr�obhadh le Iain Finlay Macleod agus b' iad Jean-Paul Dessy agus David Graham a rinn an ce�l

'S e an aon sgriopt, sg�r chi�il, libretto agus film a th�id a chleachdadh anns gach ionad.

Anns an fhilm tha p�osan de dhr�ma a chaidh a tharraing ann an Hiort, seann fhilm, agus taisbeanadh 'dannsadh d�reach' - balet a chaidh a dh�anamh crochte air r�paichean far chreagan Hiort an-uiridh - leis a' bhuidhein Fhraingich Retouramont.

A bharrachd air Hiort, 's ann an Ste�rnabhagh a rinneadh a' chuid as motha den obair.

'S e Sti�idio Alba sa bhaile fear de na sia ionadan taisbeanaidh.

Thuirt Mgr Mac Gill-�ain: "'S e pr�iseact m�r a tha seo, anns a bheil c�rr is 300 duine an-s�s.

"Chan ann am baile m�r a thathar ga dh�anamh. Ma tha rud a dh�th, chan urrainn dhuinn d�reach am f�n a thogail agus iarraidh air tacsaidh a thoirt dhuinn bho theatar eile.

"'S ann air eilean a tha seo ga chuir ri ch�ile."

HIORT
Dh'fh�g na daoine mu dheireadh a bhuinneadh do Hiort an t-eilean ann an 1930
'S ann le Urras N�iseanta na h-Alba a tha na h-eileanan
Tha creagan Hiort cudromach do dh'e�in-mhara leithid am Fulmair, an Creachadair agus an S�laire

'S e d�leab fh�gail a tha fa-near don fheadhainn a tha an-s�s san opara, le l�rach-l�n, DVD agus pasgan foghlaim gan cruthachadh.

Ach cuideachd, tha teans gun cuidich am pr�iseact na h-oidhirpean a thathar a' d�anamh gus bl�thachadh na Cruinne a thuigsinn agus a shabaid.

Chaidh film a tharraing ann an Hiort fad na bliadhna an-uiridh, a ghabhas sealltainn nas luaithe na thachair e an da-r�reabh, 's chaidh �omhaighean de sh�de annasach a thogail.

Thuirt Mgr Mac Gill-�ain: "Tha na h-�omhaighean m�orbhaileach dha-r�reabh.

"Bhiodh na p�tranan che�thaidh agus sgothan seo na bu choltaiche ann an obair Tholkien, agus thathar a' gabhail ris gur e bl�thachadh na Cruinne as coireach.

"Air a' mhadainn a bha seo, bha sgle� cheathaich sh�os air a' mhuir, agus sgle� eile nas �irde air an eilean."


RELATED BBC LINKS

RELATED INTERNET LINKS
The BBC is not responsible for the content of external internet sites



FEATURES, VIEWS, ANALYSIS
Has China's housing bubble burst?
How the world's oldest clove tree defied an empire
Why Royal Ballet principal Sergei Polunin quit

PRODUCTS & SERVICES

AmericasAfricaEuropeMiddle EastSouth AsiaAsia Pacific