Skip to main contentAccess keys help

[an error occurred while processing this directive]
BBC News
watch One-Minute World News
News image
Last Updated: Wednesday, 20 June 2007, 13:57 GMT 14:57 UK
Hiort: P�rras nan Eun
Hiort
Th�inig an saoghal a-muigh a choimhead air Hiort
Tha tarraing aig Hiort air daoine bho air feadh an t-saoghail.

Tha cuid a smaoinicheas air an eilean mar n�dar de ph�rras iomallach, le sluagh a bha mar aon, deamocratach, le d�chas fada arsaidh a bhith ann, agus cuid eile, a tha ga ghabhail mar �ite br�agha s�theil, a th' air a sh�bhaladh dhuinn bho eachdraidh.

Tha eachdraidh Hiort a' sealltainn gun robh e mar a bha m�ran de dh'eileanan beaga Innse Gall nuair a bha daoine a' fuireach annta, le chuid thrioblaidean agus de thoileachas.

'S d�cha gur e an t-eisimpleir as fhe�rr de mar a bha an sluagh fosgailte do chunnart a th' ann an sgeulachd nach chualar gu tric, agus a thachair ann an 1726.

Nuair a thadhal an Sg�theanach M�rtainn Mac 'ille Mh�rtainn air Hiort ann an 1697, dh'fhoillsich e na chunnaic e anns an leabhar ainmeil 'A Late Voyage to St Kilda.'

Feusagan

Am measg na sgr�obh e, bha nach tigeadh feusagan air na fireannaich gus an robh iad 30 bliadhna a dh'aois no mar sin, 's nach robh iad an uair sin ach gu math tana.

Mothaichidh duine sam bith a th' air dealbh fhaicinn de na Hiortaich do cho m�r is tiugh 's a bha feusagan nam fireannach anns an 19mh linn. Ciamar a dh'atharraich sin ma-tha?

Ann an 1726, dh'fhalbh fireannach � Hiort a thadhal air na Hearadh, ach cha b' esan a thill dhachaigh.

Agus e ann, ghabh e am breac, agus 's ann anns na Hearadh a tha e fhathast.

As d�idh dha b�sachadh, chaidh aodach a chuir air ais a Hiort, mar rud pr�seil a ghabhadh cleachdadh fhathast.

Boigheireigh
Cha chuala sinn mu bheachd nan Hiortach air an luchd-turais

An ath-thuras a thadhail am b�ilidh air Hiort gus am m�l a thogail, she�l an soitheach aige seachad air Stac L�, faisg air Boigheireigh, mu cheithir m�le gu tuath air Hiort fh�in.

Thog e tri�ir fhireannach agus ochdnar balach a chaidh dhan stac a shealg eun. Bha iad air a bhith ann naoi m�osan, a' feitheamh air a' bh�ta Hiortach.

As d�idh dhaibh cho fada a chuir seachad air creag chas sa chuan, thill iad do na dachaighean aca, far an do lorg iad aon inbheach, agus ochd duine cloinne deug fhathast be�, agus am breac air cha-mh�r 200 duine den t-sluagh d�thchasach a mharbhadh.

Bha m�l Hiort luachmhor don uachdaran, MacLe�id Dh�n Bheagain, a gheibheadh �85 Albannach (�7 Sterling) gach bliadhna bhon sti�bhart, a thogadh sin ann an itean, fe�il, e�in mhara, agus uidhir de ch�is is de dh'�m a ghabhadh toirt dha leis an t-sluagh.

Ath-thuinneachadh

Cha robh MacLe�id de�nach leigeil leis a' mh�l sin sguir, agus chuir e tuilleadh dhaoine, Sgitheanaich as motha, ach cuid �s na Hearadh cuideachd, a dh'fhuireach ann an Hiort.

'S ann mar sin a nochd na h-ainmean aithnichte ann an Hiort: D�mhnallach, Fearghastan, MacCriomain, Mac Fhionnghainn, MacLe�id, MacCuithinn, Mac Gill-�osa agus Moireasdan.

Dh'ionnsaich na daoine �ra seo d�ighean sealg nan eun bhon dream a bh' air fh�gail den t-sluagh, agus b' e an sliochd-sa a bha san eilean bhon uair sin a-mach.

'S iomadh rud a dh'�irich dhaibh. Ann an 1746, fichead bliadhna as d�idh don Hiortach d�anamh air na Hearadh, th�inig tri soithichean cogaidh a Hiort agus iad air chluinntinn gun robh am Prionnsa Te�rlach san eilean, agus e am badeigin air taobh siar na G�idhealtachd as d�idh Chul Lodair.

Nuair a lorg an airm na Hiortaich agus iad am falach anns na creagan shuas os-cionn a' bhaile, thuirt iad nach cuala iad dad mun ar-a-mach.

Dh'fhaighnich iad an robh e f�or gun robh trod m�r air a bhith a' dol eadar an R�gh De�rsa agus Ban-�mpearair na Ruis.

Turasachd

Anns an 19mh linn, th�isich sreath de luchd-turais a' tadhal air Hiort, a' toirt leotha beachdan airson an t-�ite a leasachadh, agus dh'fh�s na Hiortaich nas eisimeile air an t-saoghal a-muigh.

Anns na 1850an, dh'imthirich 42 Hiortach a dh'Astr�ilia, agus an d�rna leth dhiubh a' b�sachadh air an t-slighe.

Suas gu deireadh an deicheid sin, bha taighean an eilein riamh air an togail le rudan a bha ri l�imh ann an Hiort. Ballachan cloiche, agus mullaichean tughaidh, no fe�ir.

B' e fear de na 'leasachaidhean' a th�inig bhon t-saoghal a-muigh, 16 taighean �ra a chaidh a thogail sa bhaile, ann an 1860.

Bha na taighean seo fuar, agus b'fheudar dhaibh gual a cheannach a-staigh, agus iarrtas ro-mh�r air a' mh�ine san eilean gus na taighean a theasachadh.

Cuideachd, cha ghabhadh an c�radh le stuthan san eilean fh�in, a' f�gail gun robh na daoine a' coimhead a-mach � Hiort airson rudan a bha riatannach don bheatha aca, airson a' chiad uair riamh.

Ri linn an luchd-turais, chuala an saoghal mun 'Ph�rlamaid Hiortach,' far an do chuir fireannaich an eilein rompa obraichean a dh�anamh gach madainn, agus mu adhbrainnean nan Hiortach, a bha nas tiugha na aig daoine eile, an d�idh mar a dh'atharraich an cuirp air sg�th uiread de shreap.

Cha chuala sinn mu bheachd nan Hiortach air an luchd-turais.

Iomallach?

Bha geamhradh 1929 gu math cruaidh anns an eilean, agus bh�saich cuid de na bh' air fh�gail den t-sluagh, an d�idh do mh�ran dhiubh an t-eilean fh�gail, air an tarraing chun nam bailtean m�ra anns an t-saoghal a-muigh, agus don t-saoghal �r.

Cha do chreid iad riamh roimhe gur ann iomallach a bha Hiort. 'S e meadhan an t-saoghail a bh' ann dhaibh, gus an t�inig an t-saoghal a choimhead orra.

Sgr�obh muinntir an eilein - 36 duine aig an �re seo - don Riaghaltas, ag iarraidh orra an toirt gu t�r-m�r, agus chaidh an t-eilean fh�sachadh ann an 1930.

An-diugh, 's ann an sealbh Urras N�iseanta na h-Alba a tha Hiort, le inbhe mar L�rach Dhualchais na Cruinne, fo dh�on aig �re eadar-n�iseanta.




RELATED INTERNET LINKS
The BBC is not responsible for the content of external internet sites



FEATURES, VIEWS, ANALYSIS
Has China's housing bubble burst?
How the world's oldest clove tree defied an empire
Why Royal Ballet principal Sergei Polunin quit

PRODUCTS & SERVICES

AmericasAfricaEuropeMiddle EastSouth AsiaAsia Pacific