Te�rlach Quinnell BBC G�idhlig |

 Opara Hiort ann an D�sseldorf sa Ghearmailt |
Feasgar san �gmhios, bha mi a' coiseachd tro bhaile D�sseldorf, air bruthach abhainn mh�ir na R�ne sa Ghearmailt, a' dol a dh'fhaicinn ullachadh opara. Bha daoine nan suidhe ag ithe 's ag �l air c�bhsair na sr�ide, agus toit tombaca ag �irigh tro na craobhan.
Nuair a chaidh mi timcheall oisean, a' feuchainn ri choimhead tron toit, stad mi mu choinneamh bh�ird sannasachd.
An e gun robh an toit a' f�gail mo fhradhairc fann, agus e na annas dhomh, no an i G�idhlig a bha sin sgr�obhte shuas?
'Hiort - Mac-Talla nan Eun,' bha e ag r�dh, agus fodha, 'Insel der Vogelmenschen,' agus 'L'ile des Hommes Oiseax.'
Ged a bha fhios agam mun ghnothach, chuir am b�rd seo stad orm.
Nuair a th�id G�idheal a-null thairis, chan eil e an-d�il coinneachadh ris a' Gh�idhlig ann, ach 's e sin a bha fa-near dhomh agus mi a' dol a dh'fhaicinn an opara a bha seo.
Opara a th�id a shealltainn ann an c�ig d�thchannan na Roinn E�rpa, agus G�idhlig ann.
Nuair a chaidh mi tron doras-tionndaidh ann am balla �rd gloinne, chunnaic mi e: daoine a' streap s�os r�paichean bhon mhullach, a' seinn sa Gh�idhlig, agus a' bruidhinn sa Ghearmailtis mu dheidhinn Hiort.
Agus mi ann, bha an dearbh rud ga dh�anamh san Ostar, sa Bheilg, san Fhraing, agus ann an Ste�rnabhagh.
 | Cuideachd anns a' film, tha taisbeanadh le buidhean de 'dhannsairean d�reach' � Paras, air a bheil Retouramont, a' crochadh air r�paichean far chreagan Hiort, a' d�anamh balet |
Bha a' Gh�idhlig a' gabhail p�irt chudromach ann am pr�iseact ealainn E�rpach.
Th�id eachdraidh an eilein innse mu choinneamh sgr�n air am faicear film a chaidh a dh�anamh ann an Hiort, le Anna Mhoireach a' seinn sa Gh�idhlig, agus i mar ph�irt de sgeul ghaoil eadar dithis Hiortach, a bhios air ch�laibh an opara.
Cuideachd anns a' film, tha taisbeanadh le buidhean de 'dhannsairean d�reach' � Paras, air a bheil Retouramont, a' crochadh air r�paichean far chreagan Hiort, a' d�anamh balet.
Th�id na h-�iteachan seo anns na c�ig d�thchannan a cheangail ri ch�ile ann an craoladh, agus an opara ga chluich annta aig an aon �m, le ceangal be� � Hiort fh�in, agus � Ste�rnabhagh, ris a' ch�rr.
Cha leigear leas ach coimhead taobh a-muigh an togallaich seo, a tha ri taobh seann chala Dh�sseldorf, airson faicinn nach bu ch�ir iongnadh a ghabhail ron leithid.
Chithear soithichean � iomadh d�thaich a' se�ladh ris agus leis an abhainn. Tha iad cleachdte ri measgachadh de chultaran an seo, agus a' gabhail ris a' Gh�idhlig agus ris a' chultar Gh�idhealach mar ph�irt den mheasgachadh sin.
Tha �idh mh�r aig m�ran sa Ghearmailt agus ann an d�thchannan eile san Roinn E�rpa anns a' Gh�idhlig, agus c�isean Ceilteach san fh�rsainneachd.
Anns a' bhaile san Ostar far an t�id an opara a shealltainn, lorgadh m�ran stuthan arce�lach bho chultar Cheilteach.
Leis mar a dh'fh�g na Hiortaich an eilean ann an 1930, ch�thear tobhtaichean air feadh an eilein, 's tha e furasta ceangal fhaicinn don fheadhainn aig a bheil �idh ann an c�isean Ceilteach.
 | Tha an opara seo na dhearbhadh - ma tha a leithid a dh�th - air �ite na G�idhlig ann an E�rpa an l� an-diugh. C�nan eadar-n�iseanta |
Bha cultar Ceilteach ann an cuid de sg�rean na Gearmailt, agus air feadh na Frainge uair, agus b' e luchd-acadadaimigeach na Gearmailt a rinn m�ran den rannsachadh air eachdraidh nan c�nanan Ceilteach.
Gu dearbha, b' e an Gearmailteach Werner Kissling a rinn a' chiad fhilm anns an robh G�idhlig - Eriskay: A Poem of Remote Lives - ann an 1934.
Tha an opara seo na dhearbhadh - ma tha a leithid a dh�th - air �ite na G�idhlig ann an E�rpa an l� an-diugh. C�nan eadar-n�iseanta.
Th�id pr�omh oidhche an opara - Hiort: Mac-Talla nan Eun - a chumail air 22 an t-�gmhios, agus buidhnean de chleasaichean anns na c�ig �iteachan ag innse na sge�il san d�igh aca fh�in, st�idhichte air an aon libretto, a chaidh a sgr�obhadh le Iain Fionnlagh MacLe�id.