
Carson a tha sinn ag iarraidh ort logadh a-steach?
Feumaidh tu logadh a-steach dhan chunntas BBC agad airson cuid de BBC Air-loidhne a chleachdadh, leithid BBC iPlayer, BBC Sounds is BBC Sport. Gheibhear BBC a tha pearsaichte dhut fhèin le bhith logadh a-steach. Mar sheirbheis poblach, tha sinn airson dèanamh cinnteach gu bheil am BBC a’ freagairt air a h-uile neach.
Log a-steach
Mar a tha sinn a' cumail do dhàta sàbhailte
Tha e na phrìomh amas dhuinn do dhàta a chumail sàbhailte agus tèarainte. Feuchaidh sinn an-còmhnaidh ri bhith soilleir mu dè tha sinn a’ dèanamh le d' fhiosrachadh agus do dhàta.
Dè tha sibh a’ dèanamh leis an dàta agam?
A' toirt dhut tuilleadh de na rudan a tha còrdadh riut
Log a-steach agus bidh e comasach dhuinn an tuilleadh de na rudan a tha còrdadh riut a thoirt thugad. Mar eisimpleir, nam biodh ùidh agad ann am prògraman saidheans, dh'fhaodadh gun innseadh sinn dhut mun t-sreath ùr aig Brian Cox.
Dè tha cho math mu bhith a' logadh a-steach?
'S ann agadsa a tha an smachd
Nam b’ fheàrr leat nach dèanadh sinn am BBC nas pearsaichte dhut, dh'fhaodadh tu tarraing às. Cha bhiodh e comasach rudan leithid:
- Litrichean-naidheachd agus molaidhean pearsaichte fhaighinn, no
- Tòiseachadh far an do stad thu le prògraman a bha thu a' coimhead roimhe.

A' cumail clann sàbhailte
Aon uair 's gu bheil pàiste air clàradh, feumaidh iad cead bho phàrant no neach-cùraim mus fhaigh iad air cuid a rudan a ruigsinn.
A bheil cunntasan BBC sàbhailte airson clann?
An sgaoil sibh an dàta agam gu sgioba Cead-cleachdaidh TBh?
Bidh sinn a’ roinn cuid dhen dàta pearsanta agad le sgioba Cead-cleachdaidh TBh airson dearbhadh a bheil thu a’ cleachdadh BBC iPlayer agus airson am fiosrachadh as ùire a chur dhan stòr-dàta aca.
Faigh a-mach cuin a dh’fheumas tu Cead-cleachdaidh TBh
Tuilleadh fiosrachaidh a dhìth?
Mar sheirbheis poblach, bidh am BBC a’ cruthachadh rudeigin dhan a h-uile duine. Nuair a gheibh sinn tuigse air na stuthan a bhios tu a’ cleachdadh air-loidhne, thèid againn air barrachd de na tha a' còrdadh riut a thoirt dhut.
Gealltanas a’ BhBC a thaobh Prìobhaideachd