Episode details

Available for 28 days
Anns an t-seirbheis seo cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas: Salm 119: 1-3 air fonn Stroudwater agus 's e an t-Urr Seumas MacÌomhair a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Cille Bhrìghe an Ear Salm 40: 103 air fonn Kilmarnock agus 's e Iain Ailig MacLeòid a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Shnìosoirt san Eilean Sgiathanach Leughadh: Romanaich 7 Ceann-teagaisg: Romanaich 7: 9 Rugadh agus thogadh Mgr Dòmhnallach ann an sgìre Phabail Uaraich anns an Rubha ann an Leòdhas. Às dèidh an sgoil fhàgail anns an Rubha agus Sgoil MhicNeacail a fhrithealadh, chaidh e a dh'ionnsachadh obair saorsainneachd airson ceithir bliadhna ann an Steòrnabhagh. Às dèidh pòsadh, chaidh iad a dh'fhuireach a dh'Inbhir Nis airson greiseag agus an uair sin thill iad a Steòrnabhagh far an robh iad a' ruith bùth airson ùine ghoirid. Tha dithis bhalach aca agus dusan ogha, agus tha fear de na balaich na mhinistear ann an sgìre Nis ann an Leòdhas. Thàinig atharrachadh ann am beatha Mhaighstir Dhòmhnallaich ann an 1987 agus chaidh e a dh'obair chun na buidhne Tear Fund ann am Bangladesh airson dà bhliadhna. Às a sin ghluais e gu bhith na mhiseanaraidh ann an Afraga a Deas far an robh e a' cuideachadh le bhith a' leasachadh 's a' càradh eaglaisean, a' togail eaglaisean ùra agus a' searmonachadh bho àm gu àm cuideachd. Ann an 1993, thill Maighstir Dòmhnallach a dh'Alba agus chaidh e gu Colaiste na Diadhachd ann an Dùn Èideann. Fhuair e fios bho choitheanal na h-Eaglaise Saoire ann an Snìosoirt san Eilean Sgitheanach ann an 1997 agus bha e a' frithealadh a' choitheanail sin gu 2008. Anns an Dùbhlachd 2008 chaidh a phòsadh ri coitheanal Eaglais Shaor Leantainneach Sgalpaigh agus bha e an sin gus an do leig e dheth a dhreuchd coitheanail ann an 2016. Nuair a gheibh e beagan ùine dha fhèin, 's caomh leis a bhith ag iasgach, a' leughadh, a' dèanamh beagan DIY agus a' cur seachad ùine còmhla ri theaghlach.
Programme Website