Episode details

Available for 30 days
Dè bhuaidh a tha aig na thachair eadar Aimeireagaidh agus Bhenesuela, air Cuba? Tha Maureen NicLeòid a' toirt sùil air cùisean. Cluinnidh sinn bho Angela Nic Fhionghuin mu dheidhinn sreath de phrògraman ùra a tha gu bhith air BBC Radio nan Gàidheal a' tòiseachadh Là na Sàbaid. Anns na prògraman Seinneamaid a Chliù gheibhear taghadh de laoidhean is sailm a chaidh an cruinneachadh airson Bliadhna nan Òran agus a bhios ri fhaotainn air làrach Tobar an Dualchais. 'S i Flòraidh Forrest, cèiliche na seachdain. 'S i Flòraidh, Stiùriche, Tobar an Dualchais, a tha an-dràsta a' cur clàr ùr de dh' òrain Ghàidhlig air bhog. 'S ann à Gearraidh Bhailteas an Uibhist a Deas a tha Flòraidh bho thùs ach tha i an-diugh, a tàmh san Eilean Sgitheanach.
Programme Website