Use BBC.com or the new BBC App to listen to BBC podcasts, Radio 4 and the World Service outside the UK.

Find out how to listen to other BBC stations

Episode details

Radio nan Gàidheal,24 Feb 2026,57 mins

le Cathy NicDhòmhnaill.

Naoi gu Deich

Available for 27 days

Nochd aithisg air-loidhne air an deireadh sheachdain, a bha faighneachd a bheil dual-chainnt sonraichte New York a’ dol à bith. A bheil ga rìreabh, bheil e gu diofar agus dè tha seo a' ciallachadh dhuinne? Bheil ar dual-chainntean agus ar blasan còmhraidh an impis a dhol à bith ann an Alba? Gach Dimàirt, tha aoighe a' taghadh leabhar à ceàrnaidh sam bith dhen t-saoghal seach Breatann, Aimeireagaidh neo Èirinn, 's air a' sgrìobhadh le neach tùsanach às an dùthaich sin fhèin. An-diugh, tha Iona NicRisnidh air Butter, le Azako Yuzuki à Iapan a thaghadh. Tha fiosrachadh mu òrain Gàidhlig, còmhlain agus seinneadearean ga chuir as ùr, ri làrach-linn an t-seachdain'sa. Tha sinn a' cluinntinn mu Clàr Ùr nan Òran agus mu còmhlan a' chlàr LP anns na 70an, nuair a bha'd nan deugairean. Tha'm BBC a' sireadh dhaoine o air feadh Bhreatann, a tha airidh air urram nan coimhearsnachdan fhèin. Chaidh a chiad iomairt dhen t-seòrsa a chuir air chois an uiridh, bho bhratach Beurla, Make A Difference agus anns a Ghàidhlig, Duaisean Dèan Diofar. Ciamar as urrainn daoine chuir air adhart am bliadhna agus cuine dh' fheumte sin a dhèanamh?

Programme Website
More episodes