Use BBC.com or the new BBC App to listen to BBC podcasts, Radio 4 and the World Service outside the UK.

Find out how to listen to other BBC stations

Episode details

Radio nan Gàidheal,22 Feb 2026,30 mins

còmhla ri Fearghas MacBheathain

Dèanamaid Adhradh

Available for 28 days

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas: Salm 51: 10-12 air fonn Torwood le Lachlann MacDhùghaill os cionn na seinn agus Salm 33: 21-22 air fonn Kilmarnock le Dòmhnall Ailig Dòmhnallach os cionn na seinn, agus chaidh na sailm seo a chlàradh le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba ann an Loch nam Madadh. Salm 103: 08-10 air fonn London New agus 's e Dòmhnall MacSuain a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba air an Tairbeart. Leughadh: Isaiah 1: 09-20 Ceann-teagaisg: Romanaich 12 'S ann do Chnoc an Torran ann an Uibhist a Tuath a bhuineas Fearghas MacBheathain. Fhuair e oideachadh ann am Bun-sgoil agus Àrd-sgoil Phaibil an Uibhist a Tuath. Nuair a bha e deiseil anns an sgoil, chuir e ùine seachad ag obair mar phosta. Ann an 1990 thill e air ais dhan sgoil, agus an turas seo bha e a' frithealadh Sgoil Lionacleit airson dà bhliadhna. Bha seo mar phàirt den obair ullachaidh a bh' aige ri dhèanamh agus e a' dol a-staigh airson a bhith na mhinistear. Chuir e seachad ùine ann an coitheanal Eaglais na h-Alba air an Tairbeart na oileanach agus chrìochnaich e an obair ullachaidh aige ann an Obar Dheathain. Chaidh a phòsadh ris a' chiad choitheanal aige ann an Cille-Mhoire agus Paibil an Uibhist a Tuath. Às dèidh sin ghluais e gu coitheanal a' Chnuic anns an Rubha ann an Leòdhas. Tha Fearghas agus a bhean Ella 's an dithis chloinne aca air ais ann an Uibhist a Tuath agus, ged nach eil e a' leantainn dreuchd ministeir, bidh e fhathast bho àm gu àm a' searmonachadh anns an sgìre aige fhèin. Tha e an-diugh an sàs ann an obair croitearachd agus ann an obair clèireachd. Nuair a gheibh e ùine dha fhèin, 's toil leis a bhith ag obair air a' chroit, anns a' ghàrradh agus a' gabhail beagan fois a' leughadh.

Programme Website
More episodes