Episode details

Available for 29 days
Tha a' ghriùthlach a' sgapadh ann an sgoiltean ear-thuath Lunnainn - galair a bha gu leòr an dùil a bha air teirig ann am Breatainn. Ach carson a tha e air tilleadh, agus a bheil e na adhbhar-iomagain? Tha an Dr Sìne Dixon ga mhìneachadh dha Cathy. Cluinnidh sinn cuideachd mu mar a tha am pailteas phrògraman air seirbheisean craolaidh didseatach an dèidh cuid fhàgail a' gearain - agus a' chompanaidh HBO a' gealltainn nas lugha de phrògraman, ach prògraman nas fheàrr, fhoillseachadh air an t-seirbheis aca fhèin. An tèid aca air? Cluinnidh sinn beachdan bho thriùir air a' ghnothaich. Agus 's e Torcuil MacLeòid, a bhuineas do Sgìre nan Loch an Leòdhas ach a chaidh a thogail an Glaschu, is a tha a' fuireachd ann an Steòrnabhagh, ar cèiliche an t-seachdain sa. Cluinnidh sinn mu bheatha is mu shaoghal, eadar seinn, obair, bàrdachd, agus na tha ga chumail trang na làithean sa.
Programme Website