Episode details

Available for 28 days
Tha an cleasaiche Artair Donald air a bhith a' ruith bùthtan-obrach thairis air grunn sheachdainean feuch sgilean ann a bhith a' sgrìobhadh sgeidsichean comadaidh Gàidhlig a theagasg. Ach dè cho mòr sa tha sgilean comadaidh unnad gu nàdurrach, a bharrachd air gun tèid an ionnsachadh? Tha Niall Iain a' cluinntinn bho Artair. An e foileagan le siorap a bh'agaibh gu ar bracaist? Neo a bheil sibh nas dèidheil air feadhainn neo-mhilis? Air Là nam Foileagan tha Mark Mac a' Ghobhainn ag innse mar as toil leis fhèin a bhith gan ithe. Agus tha car gu bhith air an t-sreath Fìor neo Breug anns na seachdainnean a tha romhainn. Tha sreath ùr, Mas Fhìor, a' tòiseachadh air BBC Alba a-nochd, far a bheil dà sgioba a' farpais airson duais-airgid, ach eadar iad agus an duais tha na 'Mas Fhìoraich', panail de dh'ochdnar a dh'fhaodadh a bhith ag innse na fìrinn neo rabhdan. Gach seachdain bi aonan de na 'Mas Fhìoraich' a' nochdadh air Fìor neo Breug. An-diugh tha Victoria a' feuchainn ri Niall Iain a mhealladh.
Programme WebsiteTracklist
- TrackArtist
- 1.We Can Be Strong (Single Version)We Can Be Strong (Single Version)Willy Mason
- 2.Down That RoadDown That RoadShara Nelson
- 3.Paradise CallingParadise CallingBirdy