Episode details

Available for 28 days
Tha cùis-lagha iongantach sa Fhraing air còmhradh is còmhstri adhbharachadh ann am pailteas - le imcheist mu cò de chàraid a rinn an gnìomh. Dè rinn iad, agus carson a tha DNA an dithis aca air maill a chuir air na rannsachaidhean? Sin a tha an tè-naidheachd Patsi NicChoinnich, a tha a' fuireachd anns a' Fhraing, a' freagairt. Le leabhar ùr do chlann air fàire bho Julia Donaldson, a sgrìobh an Gruffalo, tha gu leòr a' feitheamh ri "Gruffalo Granny". Ach ciamar a tha sinn a' làimhseachadh seanmhairean ann an litreachas - agus a bheil sinn ro chruaidh orra? Tha fhios gum bi beachdan gu leòr aig na seanmhairean Mairead NicLeòid, Cathy Mary Nic a' Mhaoilein, agus Cathy Bell Mhoireasdan! 'S iomadh còmhradh a leanas ro fhada - ach dè na dòighean as fheàrr còmhradh neo coinneamh a thoirt gu ceann - gun a bhith mì-mhodhail? Sin a' cheist a th' aig Cathy do thriùir: Ruairidh MacLeòid. Rhoda NicDhòmhnaill, agus Ailig Greumach. Agus le ball-coise Eadailteach air BBC Alba am-bliadhna, 's dòcha gum fàs sinn nas eòlaiche air Serie A bho seo a-mach. Ach cò ris a tha ball-coise na h-Eadailt coltach an-diugh? Tha am fear-naidheachd spòrs Ailig O' Henley gu bhith ag aithris air geamannan Eadailteach, is tha e ag innse beagan mu lìog a' latha an-diugh dhuinn cuideachd.
Programme Website