Use BBC.com or the new BBC App to listen to BBC podcasts, Radio 4 and the World Service outside the UK.

Find out how to listen to other BBC stations

Episode details

Radio nan Gàidheal,15 Feb 2026,30 mins

còmhla ris an Urr Ùisdean Stiùbhart, Eaglais na h-Alba

Dèanamaid Adhradh

Available for 26 days

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas: Salm 46: 1-2 air fonn Stroudwater agus 's e Aonghas MacGillEathain a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba, sgìr' Ùige Salm 43: 3-3 air fonn Kilmarnock agus 's e Iain MacLeòid a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Cille Bhrìghde an Ear Salm 90: 15-16 air fonn London New agus 's e Iain MacDhunlèibhe a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Stafainn Leughadh: Salm 102 Ceann-teagaisg: Salm 102 Rugadh agus thogadh Ùisdean Stiùbhart anns an Rubha ann an Leòdhas. Mus deach e a leantainn dreuchd na ministrealachd bha Mgr Stiùbhart ag obair aig Roinn an Fhoghlaim aig Comhairle nan Eilean Siar. Nuair a bha e anns an obair seo fhuair e an cothrom coinneachadh ri daoine air feadh nan eilean agus bha seo na chuideachadh agus na thaic mhòr dha nuair a chaidh e a leantainn na dreuchd ùir aige. Chaidh Mgr Stiùbhart a phòsadh ri coitheanal Eaglais na h-Alba an sgìr' Ùige is Bheàrnaraigh anns an Ògmhios 2008. 'S e coitheanal gu math mòr a th' ann a thaobh meud na sgìre agus àite far am faigh thu cuid de na seallaidhean as brèagha ann an Alba. B' ann sa choitheanal seo a bha an dùsgadh a bu mhotha a ghabh àite anns na h-eileanan anns na 1820an. Bha aithrisean ann gun robh mu 7000 neach a' frithealadh sheirbheisean comanachaidh aig an àm. Tha Mgr Stiùbhart pòsta aig Seonag Mhoireach agus tha aon bhalach aca, Teàrlach.

Programme Website
More episodes