Episode details

Available for 23 days
Nuair a-nochd an t-seinneadair Bad Bunny air àrd-ùrlar a' Super Bowl na bu thràithe san t-seachdain, shèinn e ann an Spàinntis gus àire dhaoine a tharraing gu cànan agus cultar a dhùthaich fhèin. Ach dè seòrsa dùthaich a th' ann am Puerto Rico? Tha Maureen NicLeòid air a bhith a' rannsachadh. Bha Fèill Earraich a' Chruidh Ghàidhealaich san Òban an t-seachdain sa le còrr air ceithir fichead mart Gàidhealach an làthair. Bha uair ann agus e na annas bò Ghàidhealach fhaicinn ach an-diugh tha an àireamh air a dhol am meud agus fèill mhòr orra am measg luchd-turais. Ach ged a tha coltas feargach orra, tha coltach gur e beathaichean solta a th' annta nan nàdar mar a chluinneas sinn bho dhithis thuathanach a tha gu math measail orra. Tha ceud bliadhna dha chomharrachadh bho nochd an dealbh-chluiche Èireannach The Plough and the Stars air an àrd-ùrlar an toiseach. Mìnichidh Brian O h-Ùiginn carson a tharraing e uimhir a chonnspaid agus cò bh' anns an sgrìobhaiche Sean O' Casey. Tha coltach nach eil còir againn a bhith biathadh nan eòin le aran. A rèir eòlaichean chan eil maitheas sam bith ann dhaibh. Gheibh sinn stiùireadh bho Oifigear Coimhearsnachd Comann Rìoghail Dìon nan Eunlaith, Shona NicIllfhialain air dè am biadh a bu chòir dhuinn a bhith a' cur a-mach dha na h-eòin aig an àm seo den bhliadhna.
Programme Website