Episode details

Available for 24 days
Tha Comhairle Nan Leabhraichean air grunn chothroman ùra ainmeachadh do sgrìobhadairean is luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig, nam measg a bhith a’ gairm thagraidhean don Chaidreachas nan Sgrìobhaichean, cùrsa-ghràmair ann an Dùn Èideann, agus farpais sgrìobhaidh do chloinn. Tha stiùiriche Comhairle nan Leabhraichean, Alison Lang, gu bhith còmhla ri Niall Iain airson innse dha barrachd mun na cothroman seo agus mar a tha rudan mar seo a’ cur taic ris a’ chànan. Tha naidheachd ùr aig Murchadh MacSuain, Stiuiriche ASTAR MEDIA, dhuinn mu dheidhinn farpais FilmG na bliadhna sa. A bheil sibh air tòiseachadh ag ullachadh air a shon fhathast? Ma tha sibh as an t-Eilean Sgitheanach airson Latha Naomh Bhaileintin agus fhathast a’ coimhead airson ruideigin a nì sibh airson a chomharrachadh, tha cèilidh gu bhith air a chumail anns an Talla Mhòr agus tha Eoghainn Mac an t-Saoir bho Seall gu bhith air a’ phrògram le barrachd fiosrachadh mun tachartas seo. Agus, mar as àbhaist air Dihaoine, cùmaibh siùil a-mach air ar duileag Instagram airson bhòt Cèol nan Sgeòil.
Programme WebsiteTracklist
- TrackArtist
- 1.SuperstitionSuperstitionStevie Wonder
- 2.Call The ShotsCall The ShotsGirls Aloud
- 3.golden boygolden boyFreya Skye