Episode details

Available for 21 days
Le SpaceX a-nise a' cur cuideam - a-rèir Elon Musk - air baile air a' ghealaich seach Mars, tha Cathy a' faighneachd do dhithis dè bheireadh iad fhèin air an leithid de bhaile. Saoil de tha Aonghas Dòmhnallach agus Iain MacIlleathain a' smaoineachadh mu ainm, agus mu cho ciallach is a tha amas Musk an leithid a dhèanamh sa chiad àite. Cha bheag na tha sinn a' cluinntinn mu AI. Ach dè na tha e a' cleachdadh de dhealain nuair a chruthaicheas tu dealbh le ChatGPT, Deepseek no Grok? Tha an t-eòlaiche teicneòlais Dòmhnall Dòmhnallach air a bhith a' rannsachadh. Cluinnidh sinn cuideachd mun àite a th' aig clach-ghràin Albannach ann an croladh leis an Oll. Ùisdean MacNeacail. Agus ann an sreath ùr, tha sinn a' faighneachd do chuid a tha eòlach air litreachas ann an cànain eile dè na leabhraichean a mholadh iad a tha air taobh a-muigh saoghal na Beurla? Tha Pàdraig MacAoidh a' moladh obair Pablo Naruda dhuinn.
Programme Website