Use BBC.com or the new BBC App to listen to BBC podcasts, Radio 4 and the World Service outside the UK.

Find out how to listen to other BBC stations

Episode details

Radio nan Gàidheal,03 Feb 2026,57 mins

le Cathy NicDhòmhnaill

Naoi gu Deich

Available for 5 days

'S iomadh ceist a thathas an dèidh togail mu cheangalan eadar Na h-Eileanan an Iar - is Comhairle nan Eilean air taic a chuir ri ceangal-rathaid eadar na Hearadh is Uibhist, agus eadar Uibhist is Barraigh. Bidh gu leòr dhaoine a' togail air na h-Eileanan Fàrach - eadar Sealtainn is Innis Tìle - mar eisimpleir a thaobh thunailean is eile. Ach a bheil sin fìor? Tha Cathy a' cluinntinn bho thriùir a tha eòlach air a' cheist is an dùbhlan sa: an Comh. Coinneach MacLeòid, an t-eòlaiche innleadaireachd Murchadh Moireach, agus Alasdair MacEachainn a tha air iomadach turas a ghabhail do na h-Eileanan Fàrach. Dè luach a th' ann am fuinn nan salm? Le clasaichean fuinn a' tòiseachadh ann an Sgìre a' Bhac, tha Cathy a' bruidhinn ri feadhainn a tha eòlach air a' chuspair agus a' faighneachd dhaibh dè na h-adhbharan a tha iad fhèin a' faicinn as fhiach cuimhne a chumail air fuinn nan salm. Dè a' ghnothaich a th'aig cleoc ri deireadh-shaoghail? Tha buidheann de luchd-saidheans air cùl rud ris an canar an "Doomsday Clock" - ach dè dìreach a th' ann? Tha an t-eòlaiche saidheans Iain MacAonghais ga mhìneachadh dhuinn. Agus le beagan frionais sna margaidhean mu luach is prìs an airgid is an òir, tha Coinneach MacMhathain - a bha iomadh bliadhna na bhancair is na eòlaiche ionmhais - a' mìneachadh carson a tha na margaidhean mòra a' cur luach ann am meatailtean prìseil eadhon ann an linn an AI!

Programme Website
More episodes