Use BBC.com or the new BBC App to listen to BBC podcasts, Radio 4 and the World Service outside the UK.

Find out how to listen to other BBC stations

Episode details

Radio nan Gàidheal,02 Feb 2026,57 mins

le Cathy NicDhòmhnaill

Naoi gu Deich

Available for 4 days

'S iad Murray MacLeòid agus Ruairidh Rothach a tha a' toirt sùil air na colbhan beachd dhuinn an-diugh còmhla ri Cathy NicDhòmhnaill Chuala sinn an t-seachdain-sa chaidh gun deach dealbh de Raibeart Burns, a pheant an neach-ealain Sir Henry Raeburn bho chionn dà cheud bliadhna air ais , a reic aig rùp ann an Lunnainn. Ged a bha na h-eòlaichean air luach £300 a chuir air an dealbh , a bha a dhìth fad linntinn, chaidh a rèic airson £68,000. Ach , ciamar a dh' aithnicheas tu gu bheil luach-airgid ann an obair-ealain ? Gheibh sinn mìneachadh bhon dealbhadair Ruairidh Moireach Nì Anna NicLeòid lèirmheas air a' film Melania: Twenty Days to History. Film far a bheilear a' toirt sealladh air beatha Mhelania Trump ' sna beagan sheachdainean ron dàrna turas a thòisich an duine aice, Dòmhnall Trump, ann an dreuchd cheann-suidhe na Stàitean Aonaichte ann an 2025.

Programme Website
More episodes