Episode details

Available for 28 days
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus na leughaidhean a leanas: Salm 95: 6-7 air fonn Bedford agus 's e Tormod Mac a' Ghobhainn a tha os cionn agus Salm 73: 25-26 air fonn Moravia le Iain Caimbeul os cionn na seinn, chaidh na sailm seo a chlàradh ann an Eaglais Shaor Chrois. Salm 27: 4-5 air fonn Montrose agus 's e Murchadh MacLeòid a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Naomh Chaluim Chille ann an Dùn Èideann. Leughadh: Gniomharan nan Abstol 3: 1-10 agus 4: 5-12 Ceann-teagaisg: Gniomharan nan Abstol 4: 12 Rugadh an t-Urr Coinneach Fearghasdan air a' Bhac ann an Leòdhas ann an 1946. Chaidh e a sgoil a' Bhac agus gu Colaiste a' Chaisteil ann an Leòdhas far an robh ùidh mhòr aige ann a bhith ag obair le aodach. Lean e air adhart le obair rannsachaidh air a' chuspair sin ann an Colaiste Theicnigeach ann an Dewsbury. Thill e air ais a Leòdhas ann an 1965 far an do chuir e seachad sia bliadhn' deug ag obair ann an gnìomhachas a' chlò mhòir. Thàinig atharrachadh ann am beatha Mhgr Fearghasdan ann an 1970. Bha ùidh mhòr aige anns na searmoin aig an Urr Murchadh MacAmhlaigh, a bha na mhinistear aig an àm sin air a' Bhac. Chaidh Mgr Fearghasdan air ais dhan oilthigh grunn bhliadhnaichean às dèidh sin agus fhuair e teisteanas BA ann am Beurla agus Eachdraidh. Às dèidh sin, chaidh e gu Colaiste na h-Eaglaise Saoire ann an Dùn Èideann. Chaidh a phòsadh ri coitheanal Eaglais Shaor Chrosboist ann an 1984. Tha Mgr Fearghasdan air a mhinistrealachd air fad a chuir seachad ann an Leòdhas. Às dèidh sia bliadhna deug air na Lochan ghluais e an uair sin gu Nis, far an robh e na mhinistear air coitheanal Eaglais Shaor Chrois gus an do leig e dheth a dhreuchd. Tha Mgr Fearghasdan air a bhith an sàs ann am iomadach comataidh thar nam bliadhnaichean, nam measg, na chathraiche air a' Chomataidh Stiùiridh aig Ionad-Cùraim Bethesda ann an Steòrnabhagh.
Programme Website