Episode details

Expires today 11:25pm
Bheil mòrchùis fhathast timcheall dè seòrsa uisge-beatha a bhios tu ag òl? Tha aoighean a' toirt am beachd air an diofar eadar mac-na-bracha agus uisge-beatha measgaichte. Thèid leabhar ùr mu bhàrdachd Gàidhlig, fhoillseachadh air an deireadh sheachdain. Tha Slighe Fonn na Bàrdachd: Bho Bhalbhachd nan Duilleag gu Binn-ghuthan an t-Sluaigh air a chuir ri chèile leis an t-seinneadear Màiri Callan, 's tha i ag innse do Chathy mu dheidhinn. ‘S tric a tha'n aimsir fliuch, fuar agus fiadhaich mun àm seo dhen bhliadhna. An-diugh, tha sinn a' cluinntinn mu fhear a rinn diofar mhòr do mharaichean agus iasgairean a bha 'n urra ri aimsir na fairge. Chruthaich an Àrd-Mharaiche, Raibeart Fitzroy, glainne-sìde ann an 1854. Chaidh te dhen chiad fheadhainn a chruthaich e gu Port Nis ann a Leòdhas. Chaidh Mairianna NicChoinnich dhan Phort gus eachdraidh Fitzroy agus a ghlainne fhaighinn.
Programme Website