Episode details

Available for 34 days
Tha Radio nan Gàidheal a comharrachadh 40 bliadhna de chraoladh. As an t-sreath ainmeil seo, Fàilte air a' Bhaile bho na tràth lathaichean sin, tha craoladairean eadar-dhealaichte a tadhal air coimhearsnachdan Gàidhlig ann an Alba agus nas fhaide air falbh. As a phrògram seo bha Cailean MacIlleathain ann an Eilean Eige. Cluinnear na còmhraidhean a bha aig Cailean le Dòmhnall Caimbeul, Aonghas MacFhionghuin, Duncadh MacAoidh, Mary Bell Dhòmhnallach, Alasdair Dòmhnallach, Mairi Chaimbeul agus Dolly Fearghasdan.
Programme Website