Episode details

Available for 28 days
Tha e duilich a chreidsinn gu bheil na trì seachdainean air a dhol seachad mur thràth, ach tha an oidhche mhòr romhainn a-nochd agus prògram Na Traoidhtearan a' tighinn gu ceann. Cò a thig am bàrr aig deireadh na cùise? Tha sgioba Feasgar a' coimhead air adhart ri prògram na h-oidhche a-nochd, agus a' beachdachadh air cò a nì a' chùis air càch? Tha Joy Dunlop ag innse mu oidhche shonraichte a' comharrachadh òrain ùr Gàidhlig aig Celtic Connections oidhche Shathairn. 'S i fhèin a bhios na bean an taighe air cuirm a tha togail air pròiseact Òran Ùr a chaidh a chraoladh air BBC Rèidio nan Gaidheal. Agus mar as àbhaist, taghadh de thrì òrain a tha freagradh air Ceòl nan Sgeòil, mu bhò ghlic, airson crìoch a chur air prògram an-diugh.
Programme WebsiteTracklist
- TrackArtist
- 1.Just Got Paid (feat. French Montana)Just Got Paid (feat. French Montana)Sigala, Ella Eyre & Meghan Trainor
- 2.OpaliteOpaliteTaylor Swift
- 3.Dirrty (feat. Redman)Dirrty (feat. Redman)Christina Aguilera