Episode details

Available for 23 days
Am b’ urrainn do dhùthchannan na Roinn-Eòrpa an t-slìghe fhèin a’ ghàbhail, gu neo h-eisimeileach do na Stàitean Aonaichte? Tha sinn a' faighinn beachd bho thriùir a bha agus a tha a' fuireach 's an Roinn Eòrpa. Cò direach th’ ann an Jerome Powell, Cathraiche Banca Nàiseanta Aimeireagaidh 's carson a tha e fhèin agus an Ceann-suidhe Trump air a dhol ceàrr air a chèile? 'S i Catriona NicDhonnchaidh ar cèiliche an t-seachdain'sa. Bha Catriona 32 bliadhna air a phoileas ann a Lunnainn. Ràinig i ìre sàirdseant agus bha i bliadhnaichean an cois an roinn a bhios a rannsachadh foill de gach seòrsa. An-diugh, tha e còrdadh rithe a bhith an sàs ann an obair charthannais anns a bhaile.
Programme Website