Episode details

Available for 21 days
Chan eil càil nas fhèarr aig toiseach bliadhn' ùr, agus an aimsir cho fuar agus fliuch, na bhith a' toirt sùil air càite a dh'fhaodar turas a ghabhail nas fhaide air adhart sa bhliadha. Ach chan ann a-mhàin thall thairis, tha iomadach àite agus turas a dh'fhaodar gabhail nas fhaisg air an dachaigh. Thathas air innse gu bheil deich tursan rèile ùr ann am Breatainn gu bhith a' nochdadh air a' bhliadhna a th'air thoiseach oirnn. Cò a b'fheàrr innse mun deidhinn ach Alasdair MacCallum a tha air leth dèidheil air a bhith a' siubhal thall 's a-bhos air trèine. Tha fiolm ùr, stèidhichte air an nobhail Wuthering Heights le Emily Bronte, gu bhith ri fhaicinn an ath mhìos as na taighean-deilbh. Cha b'e seo a' chiad dreach ùr a chaidh a dhèanamh dhan leabhar, agus chan eil coltas ann gur e an fhear mu dheireadh. Carson a tha sinn air ar tarraing gu dreachan air nobhailean clasaigeach? Tha Patsi NicChoinnich ag innse do dh'Emma an tlachd a tha ise a' faighinn asta. Tha an lùth-chleasaiche Megan Keith air innse mar a dh’fheumadh i co-dhùnadh a dhèanamh gluasad bho ruith air a’ bhlàr a-muigh gu ruith air an traca, ri linns gur ann air an sin a tha fòcas sponsairean agus a’ bhuidheann Luth-chleasachd Bhreatainn. Chaidh farpaisean na cruinne san spòrs a chumail air an deireadh sheachdain a chaidh agus bha na h-aireamhan air lùghdachadh gu mòr. Carson is ann mar seo a tha cùisean dhan spòrs, agus dè an t-slighe air adhart? Tha Emma a' cluinntinn bho Sheumas Mac an t-Sagairt.
Programme WebsiteTracklist
- TrackArtist
- 1.Nobody To LoveNobody To LoveSigma
- 2.Love SomebodyLove SomebodyMorgan Wallen
- 3.Money For NothingMoney For NothingDire Straits