Use BBC.com or the new BBC App to listen to BBC podcasts, Radio 4 and the World Service outside the UK.

Find out how to listen to other BBC stations

Episode details

Radio nan Gàidheal,15 Jan 2026,57 mins

le Cathy NicDhòmhnaill

Naoi gu Deich

Available for 23 days

Dè tha cho tarraingeach mu sgeulachdan Agatha Christie, 50 bliadhna bho bhàsaich i? Eadar Poirot agus Miss Marple, tha na milleanan eòlach air a cuid sgrìobhaidhean eadar nobhailean is cruthan teilibhisean dhiubh. Ach carson a tha i air maireachdainn mar phàirt de chultar is litreachas? Tha Cathy a' bruidhinn ri triùir mun dearbh chuspair. Le iomadach duine a' dèanamh air beanntan na h-Alba agus na Roinn Eòrpa - gun luaidh air an iomadach àite eile air feadh an t-saoghail - airson sgìtheadh, tha Cathy cuideachd a' cluinntinn bho fheadhainn a bhios a-muigh air na raointean sgìthidh sna monaidhean gu math tric. Ciamar as còir dhuinn tòiseachadh, ma tha miann againn fheuchainn? Leanaidh prògram Today air Radio 4 teaghlaichean le pàisdean òga airson còig bliadhna, feuch cò ris a tha e coltach clann a thogail sa latha an-diugh. Ach ciamar a tha pàrantan a' faicinn an diofar sna ginealaichean - eadar an togail fhèin agus togail an cuid cloinne fhèin? Tha Peigi Anna Scott, Ceitidh NicIlleBhrath, agus Àdhamh O Bròin a' beachdachadh air an iomadach ceist a tha an lùib a chòmhraidh is a chuspair.

Programme Website
More episodes