Use BBC.com or the new BBC App to listen to BBC podcasts, Radio 4 and the World Service outside the UK.

Find out how to listen to other BBC stations

Episode details

Radio nan Gàidheal,08 Jan 2026,57 mins

le Cathy NicDhòmhnaill

Naoi gu Deich

Available for 27 days

Chan eil a' bhliadhna ach òg, ach 's i a tha fuar - gu sònraichte ann an ear-thuath na dùthcha. Ciamar a tha muinntir na sgìre a' dèiligeadh ris an t-sneachd, agus ciamar a tha e an coimeas ri bliadhnaichean eile? Tha Cathy a' bruidhinn ri feadhainn air feadh Siorrachd Obar Dheathain mun ghnothaich. Cluinnidh sinn cuideachd bho John Neil Dòmhnallach mun fhiolm ùr Song Sung Blue, stèidhte air sgeulachd chupal a bhiodh a' seinn òrain Neil Diamond. Tha am Blue Lamp ann an Obar Dheathain air dùnadh - àite far an deach iomadach òran a ghabhail thar nam bliadhna. Tha cuid a tha neo a bha a' fuireachd anns a' bhaile a' bruidhinn ri Cathy mun bhuaidh a bheir an dùnadh air àrainneachd ciùil Obar Dheathain. Agus tha sinn a' dèanamh luaidh air dithis a chaill sinn o chionn ghoirid a rinn iomadach agallamh is gàire ann an iomadach còmhradh air Radio nan Gàidheal: Dòmhnall Iain MacLeòid nach maireann, a bhuineadh do Thaobh Siar Leòdhais ach a bha bliadhnaichean ann an California; agus an t-Urr. Aonghas Mac a' Ghobhainn, a bha na sheaplain.

Programme Website
More episodes