Episode details

Available for 25 days
Cothrom eile air èisteachd ri prògram a chaidh a chlàradh aig deireadh na bliadhna an uraidh. 'S i bliadhna gu math sonraichte a bh'ann do Tèatar a Citizen's an Glaschu, a dh' fhosgail as ùr aig deireadh an Lùnastal an dèidh obair leasachaidh 7 bliadhna, 's a chosg faisg air £30 millean not. 'S e fear de na tèataran-cluiche as seanna 's a rìoghachd. An-diugh, tha Cathy a' tadhal air a Citizen's còmhla ri còignear chleasaichean, sgrìobhaichean is stiùirichean. Tha'd ag innse mun àite a th' air a bhith aig dràma nam beatha fhèin agus a' toirt beachd air dè tha dèanamh sgeulachd, beothail, tarraingeach air an àrd-ùrlar. 'S dè bu mhiann leotha a thachradh le dràma 's a Ghàidhlig anns na bliadhnaichean ri teachd?
Programme Website