Episode details

Available for 15 days
Tha sinn ann an tasglan Mòd a Ghearasdain 2025 airson prògram an là an-diugh còmhla ri Linda NicLeòid agus Hannah McKirdy is iad a’ toirt thugaibh òrain, bàrdachd is sgeulachdan bhon Mhòd ann an Loch Abar. Anns a' phrògram seo cluinnear tàlant bhon a’ chiad latha de dh’fharpaisean aig Mòd na Cloinne agus tha a’ phrosbaig air luchd-ionnsachaidh. Tha farsaingeachd de dh’fharpaisean ann, eadar seinn aon-neach, seann nòs, aithris bàrdachd agus còisirean. Cluinnear cuideachd cuid den òigridh a shoirbhich anns na farpaisean ciùil Disathairne.
Programme Website