Use BBC.com or the new BBC App to listen to BBC podcasts, Radio 4 and the World Service outside the UK.

Find out how to listen to other BBC stations

Episode details

Radio nan Gàidheal,30 Dec 2024,57 mins

Taghadh de chèilichean na seachdain

Naoi gu Deich

Available for 27 days

'S iomadh cèiliche inntinneach a th' air a bhith air aoigheachd aig Cathy NicDhòmhnaill tron nam bliadhnaichean agus 's iomadh còmhradh tarraingeach a tha sinn air a chluinntinn. A seo tha sinn a' faighinn taghadh dhiubh bho 2024 Buinidh Dolina Ross do Bharabhas ann a Leòdhas ach tha i a' tàmh ann an Inbhir Nis. Tha i na sàr-eòlaiche ann an karate chun ìre 's gu robh i a' frithealadh, 's a' buannachadh, farpaisean nàiseanta 's eadar-nàiseanta. Tha i ag innse mar a thug tachartas na beatha oirre sgilean ionnsachadh airson i fhèin a dhìon Tha Coinneach MacLeòid à Sgalpaigh an-diugh na chomhairliche ach bha e bliadhnaichean ag obair do Roinn Cìs is Cusbainn a' riaghaltais. 'S iomadh sgeulachd inntinneach a th' aige bho làithean obrach; agus mu chuspair a tha sinn gu tric a' faicinn sna naidheachdan. 'S ann à Port nan Long, san Eilean Sgitheanach a tha Seonag NicAsgaill, ged a tha i an-diugh a' fuireach ann an Siorrachd Pheairt. Na beatha obrach, bha i a' ruith air taighean-staile air feadh na dùthcha, mar neach-sgrùdaidh. Tha Calum Fionnlasdan air a dhreuchd a leigeil dheth bho chionn ghoirid, an dèidh seòladh air feadh an t-saoghail mar chaiptein mara. Tha e fhèin 's an teaghlach air a bhith fuireach ann an iomadh ceàrnaidh dhen t-saoghal, 's iad a-nise air tilleadh a Nis ann a Leòdhas, an sgìre far an do rugadh 's a thogadh e. Choisinn Shelagh Chaimbeul duais airson ficsean aig Duaisean Litreachais na Gàidhlig san t-Sultain 2024. Eadar a h-obair aig Roinn nan Inbhean Malairt, a teaghlach aig a bheil dlùth cheangail ri sgrìobhadh, agus mar a thàinig i fhèin gu sgrìobhadh sa chiad àite, 's iomadh cuspair ris an do shuath i fhèin is Cathy.

Programme Website
More episodes