Episode details

Radio nan Gàidheal,20 Mar 2011,30 mins
Slighe na Croise còmhla ris a' Chanan Dòmhnall MacAoidh
Dèanamaid AdhradhAvailable for 25 days
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na laoidhean agus an leughadh a leanas: Alasdair Dòmhnallach a' seinn Sheas a' Mhàthair (Stabat Mater) Anna Nic na Cèardaich a' seinn Dhìt Pìleat gu Bàs Thu Còisir Eaglais Naomh Barr - A Thighearna Dhia & Seinneamh don Tighearna Leughadh: Marcus 16: 1-7 Rugadh an Canan Dòmhnall MacAoidh ann an Uibhist a Deas. Chaidh a thogail ann an sgìre Ghearradh na Mònadh agus b' ann nuair a bha e na chlèireach air an altar ann an Eaglais Màthair na Dòrainne a rinn e suas inntinn gun robh e airson a bhith na shagart agus b' e sin an t-slighe a lean e. Chaidh Mgr Dòmhnall gu Sgoil Ghearradh na Mònadh gus an robh e dhà dheug agus chaidh e às an sin gu Sgoil Naomh Vincent air Bruach Chluaidh agus gu Colaiste Blairs. Ghluais e às an sin gu Colaiste na Sagartachd anns an Spàinn, a bha stèidhichte aig an àm sin ann an Valladolid. Ann an 1976 thill e dhachaigh agus ghabh e bòidean na sagartachd. Chaidh Mgr Dòmhnall air ais gu Sgoil Naomh Vincent airson bliadhna, an turas sa na neach-teagaisg. Ghluais e dhan Òban bliadhna às dèidh sin far an do chuir e seachad ùine ann an cuideachd an Easbaig Cailean Mac a' Phearsain agus an Àrd-shagart Thomas Whynn. Bha Mgr Dòmhnall a' frithealadh paraistean Dhalabroig còmhla ri Mgr Niall agus Mgr Iain MacIlleathain agus paraiste a' Ghearastain còmhla ri Mgr Iain MacNèill. Thill e air ais dhan Spàinn airson sia bliadhna agus b' ann aig an àm sin a ghluais Colaiste na Sagartachd bho Valladolid gu Salamanca. Ann an 1991 chaidh Mgr Dòmhnall a chuir a Bhàgh a' Chaisteil na shagart paraiste agus bha e a' frithealadh na sgìre sin gu 2001, a' bhliadhna a chomharraich e còig bliadhna fichead na shagart. Bhàsaich a mhàthair dìreach beagan làithean às dèidh dha an ceann-là sin a chomharrachadh agus i air an cothrom fhaighinn a bhith an làthair aig aifreann shònraichte a chaidh a chumail ann am Barraigh air a shon. Ghluais Mgr Dòmhnall dhan Òban ann an 2001 far an robh e stèidhichte aig Cathair Eaglais Naomh Chaluim Chille. Chaidh a ghluasad an uairsin gu bhith os cionn paraiste Ceann a Deas Uibhist agus Èirisgeigh. Bha ùidh mhòr aige ann a bhith leughadh agus a bhith leantainn cor na h-eaglaise air an eadar-lìon, agus bha ùidh mhòr aige ann an ceòl Gàidhealach. Cha robh e na iongnadh sam bith gun robh e gu mòr an sàs ann a bhith toirt taic is brosnachadh don Sgoil Chiùil Shamhraidh aig Ceòlas. Gach bliadhna bhiodh an sgoil chiùil a' tòiseachadh le aifreann Ghàidhlig ann an Eaglais Naomh Peadar ann an Dalabrog agus b' e Mgr Dòmhnall a bhiodh os cionn an aifreann. Bhàsaich Mgr Dòmhnall san Lùnastal 2017 ann an Ospadal Uibhist is Bharraigh agus e air a bhith a’ fulang le aillse son grunn bhliadhnaichean.
Programme Website