Episode details

Radio nan Gàidheal,25 Apr 2016,30 mins
3/3 Iain 'Tonkan' Dòmhnallach - Glaschu agus an uair sin dhachaigh
Sgeulachd BeathaAvailable for 18 days
Tha Iain 'Tonkan' Dòmhnallach air a bhith seinn bhos cuimhne leis agus eadar Alba agus Èirinn, aig farpaisean agus ceilidhean; an tallaichean, taighean-seinnse agus dachaighean-cùram; a' dèanamh foinn agus ag ionnsachadh dhaoin' eile; Gàidhlig neo ceòl- dùthchail chan eil mòran air nach do dh'fheuch e. Ach chan eil a sin ach earrann dha bheatha - bha e aig muir agus air tìr na obair-latha, bha e an luib togail Drochaid Khingston agus chunnaic e sgrios a' ghèile mhòr an Glaschu ann a 1968. Bho chionn còrr is dà fhichead bliadhna tha e gu math dòigheil, air ais a' fuireach am bàile àraich am Port nan Giùran an ceann shìos a Rubha a Leòdhas. Chuala sinn an t-seachdain a chaidh mar a bhiodh e a' seinn sa Highlanders Institute, Partick Burgh Hall, agus sa Rex Bar an Glaschu am measg àitichean eile. Thill Tonkan agus a bhean dhachaigh a Phort nan Giùran a Leòdhas ann a 1970 agus, mar a tha e ag innse do Annella Nicleòid, thàinig mòdan agus farpaisean seinn eile às dèidh sin, ach chum an obair là aige a' saorsainneachd an Glaschu a' dol e greiseag ron a sin.
Programme Website