Episode details

Radio nan Gàidheal,12 Apr 2016,30 mins
1/3 Iain 'Tonkan' Dòmhnallach - ag èirigh suas 's a' falbh gu muir
Sgeulachd BeathaAvailable for 15 days
Tha Iain 'Tonkan' Dòmhnallach air a bhith seinn bhos cuimhne leis agus eadar Alba agus Èirinn, aig farpaisean agus ceilidhean; an tallaichean, taighean-seinnse agus dachaighean-cùram; a' dèanamh foinn agus ag ionnsachadh dhaoin' eile; Gàidhlig neo ceòl- dùthchail chan eil mòran air nach do dh'fheuch e. Ach chan eil a sin ach earrann dha bheatha - bha e aig muir agus air tìr na obair-latha, bha e an luib togail Drochaid Khingston agus chunnaic e sgrios a' ghèile mhòr an Glaschu ann a 1968. Bho chionn còrr is dà fhichead bliadhna tha e gu math dòigheil, air ais a' fuireach am bàile àraich am Port nan Giùran an ceann shìos a Rubha a Leòdhas. Cha robh èirigh suas gun àmhghair ge-ta, mar a chluinneas sinn, ach sa chiad earrann dhen chòmhradh aige le Annella Nicleòid tha iad an toiseach a' dol beagan nas fhaide air ais ann an eachdraidh an teaghlaich aige mus tig iad gu bheatha fhèin.
Programme Website