Episode details

Available for 26 days
Anns an t-seirbheis seo cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas: Salm 57: 1-2 air fonn Martyrdom agus 's e Calum MacFhearghais a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Seamanaraidh na h-Eaglaise Saoire ann an Steòrnabhagh Salm 125: 1-2 air fonn Stornoway agus 's e Murchadh MacLeòid a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais a' Chnuic san Rubha ann an Leòdhas Leughadh: Isaiah 26: 1-15 Ceann-teagaisg: Isaiah 26: 3 Rugadh an t-Urramach Dòmhnall Macleòid anns an Eilean Sgitheanach ann an 1931. Às dèidh dha an sgoil fhàgail, chaidh e a dh'Oilthigh Dhùn Èideann 's a dh'Oilthigh Chill Rìmhinn far an do cheumnaich e mar fhiaclair. Chuir e seachad mòran bhliadhnachan ag obair anns na sgoiltean air iomall Inbhir Nis. Thàinig atharrachadh na bheatha ann an 1959's an dèidh deich bliadhna chaidh e do Cholaiste na h-Eaglaise Saoire airson dreuchd na ministrealachd a leantainn. Bha e na mhinistear ann an Loch Bhraoin airson ochd bliadhna agus às dèidh sin ann an Glaschu. Leig e dheth a dhreuchd ann an 1999 agus ghluais e a dh'Eilean Arain. Tha e pòsta aig Fiona 's tha ceathrar mhac 's naoinear oghaichean aca.
Programme Website