

©Franklin D. Roosevelt Presidential Library
Bliadhnaichean às deidh a’ chiad chogaidh (1914-1918) cha robh an t-sìth anns an Roinn Eòrpa ach cugallach. Anns a’ Ghearmailt, bha na beachdan aig aon duine, Adolf Hitler, a’ sìor fhàs làidir is e a’ faicinn suidheachadh eaconomach na dùthcha, agus misneachd an t-sluaigh, a’ fàs nas miosa.
Bha Adolf Hitler trang ag obair gus a’ Ghearmailt a dhèanamh na dùthaich chumhachdadh. Ann an 1938, rinn e plana gus pàirt den dùthaich ris an cante Czechoslovakia aig an àm, a chur an grèim. Ged a rinn riaghaltasan Bhreatainn, agus dùthchannan Eòrpach eile, an dìcheall gus stad a chur air le cùmhnant a dhèanamh ris ann am Munich, a’ gealltainn “Peace in our time,” cha do chuir sin stad air idir.
Brùth air cuspair gus èisteachd ri cuimhneachan

