
Essie Stiùbhart
© Willie MorrisonRugadh Essie Stiùbhart ann an 1941, agus chaidh a togail anns an Luirg ann an siorrachd Chataibh.
'S i Essie tè den fheadhainn mu dheireadh dhen luchd-siubhail a bhiodh a' dol air cuairt shamhraidh an Cataibh. Chaidh a togail le a màthair, Màiri, agus a seanair Ailidh Dall Stiùbhart, aig an robh fìor chliù mar sgeulaiche Gàidhlig. Gach samhradh shiùbhladh iad suas ri còig cheud mìle tro ghlinn agus mu chuairt chladaichean Chataibh, le each is cairt.
Tha Essie an-diugh a' cumail beò nan sgeulachdan a chuala i aig a màthair agus aig a seanair. Ma bhruthas sibh air Na Srathan, bheir Essie sibh air a' chuairt air am b' àbhaist dhaibh a bhith a' dol.