
Sgeulachdan, òrain, eachdraidh, beul-aithris - sin a tha feitheamh ort ma ghabhas tu Cuairt an seo. Cuiridh tu eòlas air daoine leithid Alasdair "Gleannach" Dòmhnallach, Calum "Pìobaire" Mac a' Phearsain agus Dòmhnall Gobha Siosal. Gheibh thu fiosrachadh mu àiteachean mar Fas na Coille agus Torr a' Ghoill agus mu na daoine a bha uair a' fuireach annta. Cluinnidh tu bàrdachd agus corra òran cuideachd.
Tha na clàraidhean a rinn Crìsdean Dillon còmhla ri Ruairidh MacAoidh airson BBC Radio nan Gàidheal eadar 1977 agus 1979 ann an Loch Abar, Inbhir Nis, Loch Aillse, Bàideanach agus Srath Spè a' toirt sealladh air na sgìrean sin tro shùilean duine a bha eòlach air an dualchas, fiosrach mun eachdraidh agus measail air na daoine. Gabh fhèin Cuairt na chuideachd.
Crìsdean Dillon
Le obair mar chraoladair, shiubhail Crìsdean gu iomadh coimhearsnachd gus sgeulachdan, òrain is beul-aithris nan Gàidheal a chlàradh.
Ruairidh MacAoidh
Le eòlas farsaing air eachdraidh, seanachas agus cànan, chruinnich Ruairidh pailteas de fhiosrachadh thar nam bliadhnaichean.



