|
BBC Homepage Scotland | |||
Alba | |||
Fios thugainn An toil leat an duilleag-sa? Cuir gu caraid i! | |||
![]() Ruairidh MacAoidhRugadh Ruairidh sa bhliadhna 1916 ann am Plymouth. B' e Iain an t-ainm baistidh aige as dèidh bràthair athair, Maidsear Iain MacAoidh, a chaidh a mharbhadh sa chogadh ann an 1918. Bha t-ainm Iain cumanta san teaghlach 's le sin b'e Ruairidh no Ruairi a chante ris fad a bheatha. Thog Ruairidh mòran fiosrachadh agus seanachas mun Ghàidhealtachd bho phàrantan. Ach bhiodh e fhèin gu tric a' dol a chèilidh air daoine sa choimhearsnachd a bha fileanta sa Ghàidhlig airson na b'urrainn dha de sgeulachdan agus eachraidh a chluinntinn bhuapa-san. Fads a bha e a' faighinn oideachadh ann an lagh aig oilthigh Dhùn Èideann, chuir e seachad greis ann am Feachd Rìoghail an Adhair (RAF) aig àm an Dàrna Cogaidh. Ann an 1944 chaidh a bhràthair a mharbhadh ann an Kohima. As dèidh dha ceumnachadh thill e a dh' Inbhir Nis a dh' obair airson companaidh lagh an teaghlaich, Innes & Mckay, obair ris an robh e fad a bheatha. Glè thric rachadh e cuide ri athair nuair e bhiodh esan a' dol air ceann-gnothaich gu diofar oighreachdan air Ghaidhealtachd – cothroman eile do Ruairidh eachdraidh is beul-aithris a thional ann an iomadh ceàrnaidh. A bharrachd air obair latha bha Ruairidh trang ag obair gu saor-thoileach. Thug e mòran taic do Chomunn Gàidhlig Inbhir Nis agus bha iomadh dreuchd aige sa Chomunn Ghàidhealach thairis air iomadh bliadhna a bharrachd air dreuchd ceann-suidhe bho 1975 gu 1978. Agus bha iomadh cur-seachad aige – ceòl is òrain, obair nàdar, saorsainneachd, dràma, togail dhealbhan le camara, tarraing dhealbhan èibhinn, coiseachd nam monaidhean 's nam beann. Ann an Cuairtean tha cothrom èisteachd ri beagan den fhiosrachadh a bha aig duine sònraichte seo, sàr Ghàidheal. |
About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy |